FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Meg’s university days Làithean Meg aig an oilthigh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Làithean Meg aig an oilthigh

[Dòmhnall] ’S chaidh thu, rinn thu cùrsa san t-Sabhal Mhòr ’s chaidh thu an uair sin, far an do thachair mi fhìn riut an toiseach, a dh’Oilthigh Obar Dheathain. Sin am fear a tha mi a’ creid, uill, sin am fear a thaobh inntinn co-dhiù, ’s ann a fhuair thu cas a-steach, nach ann, air farsaingeachd saoghal na Gàidhlig, tha mi a’ creid?

[Meg] ’S ann. ’S ann. Às dèidh dhomh dà bhliadhna a dhèanamh an sin chaidh mi a-mach a dh’Uibhist a Deas agus bha mi ag obair na mo nurs, nam nurs cuideachaidh gun trèanaigeadh ann an Ospadal Dalabroig, agus a’ fuireach còmhla ri teaghlach mòr. Bha seachdnar san teaghlach agus bha iad a’ gabhail riumsa mar tè eile.

[Dòmhnall] An do chòrd na làithean anns an oilthigh riut?

[Meg] Anns an oilthigh? Chòrd, chòrd ’s rinn mi iomadh deagh charaid.

[Dòmhnall] An e àm a bha sin na do bheatha far an robh thu ... Tha sinn an-còmhnaidh ag iarraidh a bhith a’ feuchainn ri faighinn a-steach am broinn a’ bhàird, mar gum biodh. An e àm a bha sin na do bheatha far an robh thu air do dhùsgadh às ùr a thaobh diofar rudan? Rudan a th’ air an dàrna cuid air rudan a bha tlachdmhor no rudan a bha mì-thlachdmhor? Glè thric ’s ann aig an àm sin dhe am beatha a tha daoine a’ tighinn gu faireachdainn, nach ann? An robh sin fìor dha do thaobh-sa?

[Meg] Tha mi cinnteach gun robh mi air tighinn gu faireachdainn fada ron sin ach rinn mi deagh charaidean an sin agus ’s e ceum ann an Ceiltis a rinn mi ’s bha sinn a’ leughadh bàrdachd. Nua-bhàrdachd agus ’s ann an sin a chuir mi eòlas air bàrdachd Shomhairle ’s bha buaidh mhòr aig sin orm ’s bha caraid agam a bha na Bhudach’s bhiodh esan a bruidhinn tòrr mu dheidhinn Bhudastachd.

[Dòmhnall] Ach a dh’aindeoin sin ’s a’ bhuaidh a bh’ aig Somhairle ort ’s an nua-bhàrdachd, nuair a thàinig e gu PhD ’s e bàrdachd chràbhach chlasaigeach na Gàidhlig a roghnaich thu sgrùdadh ’s tha sin a’ dol air ais, dè, cha mhòr mìle bliadhna air ais, suas gun t-siathamh linn deug. ’S dòcha gu bheil na deitichean agam rudeigin ceàrr ach tha sinn a’ bruidhinn air a bhith a’ dol fada air ais co-dhiù. Chanadh gu leòr gu bheil sin gu math tioram. Carson a roghnaich thu sin a sgrùdadh?

[Meg] Bha ùidh agam ann an samhlachas ’s bha ùidh agam ann a bhith a’ cur faireachdainn làidir an cèill ann an ìomhaighean seach buileach tro fhaclan, ach bha e tioram agus saoilidh mi gum bi PhD sam bith a’ fàs tioram às dèidh dhut a bhith ag obair trì bliadhna air.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2011.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!