FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mairi’s Crusty White Loaf An Lof Chrùsta Gheal aig Màiri

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

An Lof Chrùsta Gheal aig Màiri

[Màiri] Tha còrr ’s punnd flùir làidir – chan e flùr àbhaisteach airson bèicearachd idir – flùr làidir airson aran geal agam an seo. Agus unnsa gu leth ime , dìreach bog. Dà spàin-tì salainn aig an taobh seo den bhobhla, agus tha e coltach tha seo cudromach, agus air taobh eile a’ bhobhla tha mi a’ cur dusan gram beirm, yeast, agus tha mi a’ cur seo uile còmhla le taobh ceàrr na spàine. Agus dìreach ga chur timcheall gus an tig am flùr agus an t-ìm còmhla. Bheir e greis bheag. Tha seo a’ còrdadh ri daoine a-staigh againne ach chan eil an ùine agam a bhith ga dhèanamh a h-uile latha. Tha leth-phinnt uisge ann an seo, dìreach blàth, agus tha mi a’ dol a chur seo an lùib an ime ’s a’ fhlùir dìreach air mo shocair. Rud beag an toiseach ’s ga chur timcheall.

[Màiri] Steall eile.

[Màiri] Chì sibh tha e a’ tighinn còmhla agus cha mhòr nach eil e dìreach na bhall. Tha mi a-nis a’ cur rud beag ola, dìreach drùthag bheag, air a’ chlàr airson ’s nach steig an lof nuair a bheir mi às a’ bhobhla e.

[Màiri] Nis chì sibh tha seo dìreach deiseil a-nis agus nuair a bhruthas mi mo chorragan a-staigh ann tha an taois ag èirigh. Sin ag innse dhomh gu bheil e deiseil. Agus tha mi a’ dol ga fhàgail airson uair an uaireadair le ... tha searbhadair agam an seo. Nis, tha e tais. Chan eil e buileach fluich ach ... Feumaidh e àite blàth airson ’s gun obraich a’ bheirm ach gun a bhith ro theth no obraichidh e ro luath agus chan eil sinn airson ’s gun tachair sin nas motha. Dìreach fàgaidh mi sin airson uair an uaireadair agus chì sinn ciamar a tha e a’ coimhead an uair sin.

[Màiri] Ò sgoinneil. Nis, chì sibh tha seo air dùblachadh agus nis tha mi a’ dol ... ga thoirt a-mach agus a’ dol ga bhualadh airson ’s gun tig èadhar a-mach às. Chì sibh gu bheil mi a’ slaodadh nan taobhannan a-staigh dhan mheadhan ’s ga obrachadh timcheall. Agus a’ toirt shape snog, cruinn air a-nis. Agus tha ... Tha mi a’ dol a dh’fhàgail seo an-dràsta airson uair an uaireadair airson ’s gun dùblaich e ann an size agus tha mi a’ cur seo dìreach gun a bhith ro theann, clingfilm le rud beag ola air airson ’s nach steig an taois ri siìn sam bith. Tha flùr air bonn an tion’ agus ola air am film agus dìreach ga fhàgail ann an àite meadhanach blàth, gun a bhith ro theth, airson uair an uaireadair eile agus tha còir gum bi an taois air fàs gu mòr nuair a choimheadas mi air an uair sin.

[Màiri] Seo a-nis, tha an lof air a bhith dìreach a’ seasamh ann an seo fad uair ’s tha deagh chumadh oirre. Mus tèid i dhan àmhainn dìreach ... Crathadh beag flùir. ’S fàgaidh mi mar seo i dìreach airson còig mionaidean, a’ leigeil leis an seo seatlaigeadh agus an uair sin dhan àmhainn airson leth-uair aig teas ceud agus ceithir fichead.

[Màiri] Agus aig bonn an àmhainn tha mi a’ dol a chur steall uisge dìreach airson rud beag èadhair fhluich a chruthachadh anns an àmhainn agus tha e coltach gu bheil sin a’ cuideachadh an lof gus a bhith brisg ’s tha e a’ toirt gleans math dhan lof so tha còir gun coimhead i glè shnog aig deireadh gnothaich. Leth-uair eile aig teas ceud agus ceithir fichead.

[Màiri] Tha sin a’ coimhead glè mhath.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!