FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Murdo Beaton in conversation with Donald Morrison Murchadh Peutan a’ còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Murchadh Peutan a’ còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan

[Dòmhnall Moireasdan] Murchadh Peutan – fear-teagaisg a chaidh mu choinneimh clas an toiseach ann an Afraga ’s a bha mu dheireadh a’ teagasg saidheans tro mheadhan na Gàidhlig. Ach mus do rinn e dad dhen sin bha e air a’ phoileas an sàs an lùib rannsachadh foireansaig air cuid de chùisean muirt ainmeil. Tha e an-diugh air fear de na daoine glice a bhios a’ feallsanachd air Prògram Choinnich. Fàilte oirbh, a Mhurchaidh.

[Murchadh Peutan] ’S e do bheatha.

[Dòmhnall Moireasdan] ’S e pundit tha mi a’ creid a th’ annaibh, nach e, air Prògram Choinnich?

[Murchadh Peutan] Uill chan eil fhios agam. Cha chanainn sin idir. Na pundits ’s e an leithid Dan Moireach a bhios air a h-uile Dihaoine. Bidh mise dìreach a’ bruidhinn air cuspairean co-cheangailte ri saidheans ’s matamataig ’s teicneòlas.

[Dòmhnall Moireasdan] Tha sin a-nis gur dèanamh nas glice na pundit no an caochladh?

[Murchadh Peutan] Chan eil, chan eil e a’ dèanamh ... Chan eil e a’ dèanamh dad ach dìreach a’ sealltainn ... Tha mòran dhaoine a’ smaoineachadh nach e cànan a th’ anns a’ Ghàidhlig a tha comasach air cuspairean mar saidheans agus matamataig agus teicneòlas a mhìneachadh, agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e cudromach gum bi sinn a’ cur às dhan bheachd a tha sin agus a’ dearbhadh gu dearbh gun urrainn dhuinn na cuspairean a tha sin a dheasbad ann an Gàidhlig cho math ri cànan sam bith eile.

[Dòmhnall Moireasdan] ’S toigh le Coinneach daoine air a’ phrògram a tha làn bheachdan. An e duine beachdail a th’ annaibh?

[Murchadh Peutan] Tha mi an dòchas nach e duine beachdail a th’ annam ach tha beachdan làidir agam dìreach air cuspair no dhà.

[Dòmhnall Moireasdan] Uill thig sinn gu fear no dhà dhen sin tha mi cinnteach mar a thèid sinn air adhart, ach innsibh dhuinn an toiseach cò às sibh. Sgitheanach.

[Murchadh Peutan] Sgitheanach a th’ annam. Tha mi a’ fuireach, agus thogadh mi, ann an sgìre an t-Sruthain anns an Eilean Sgitheanach, faisg air Dùn Bheagain, agus chaidh mi dhan bhun-sgoil ann am Bhatan, bun-sgoil bheag faisg oirnn, agus chaidh mi an uair sin dhan àrd-sgoil ann am Port Rìgh.

[Dòmhnall Moireasdan] Agus ’s e àite a th’ ann an Àrd-Sgoil Phort Rìgh a th’ air buaidh mhòr a thoirt air ur beatha. Thig sinn a-rithist gu bliadhnaichean teagaisg ann an Àrd-Sgoil Phort Rìgh ach mar sgoilear bha sibh anns an ostail cuideachd, nach robh, fhad ’s a bha sibh anns an sgoil?

[Murchadh Peutan] Bha mi a’ fuireach anns an ostail agus tha e iongantach a’ coimhead air an-diugh gun robh agam ri fuireach anns an ostail. Tha sgoilearan an-diugh a’ siubhail nas fhaide na an dachaigh agamsa bho Phort Rìgh.

[Dòmhnall Moireasdan] Dè cho fad ’s a tha an dachaigh agaibh à Port Rìgh?

[Murchadh Peutan] Mu shia mìle deug.

[Dòmhnall Moireasdan] Smaoineachail.

[Murchadh Peutan] Smaoineachail gun robh againn ri fuireach anns an ostail dìreach airson astar beag mar sin.

[Dòmhnall Moireasdan] An robh an sgoil ’s an ostail a’ còrdadh ribh?

[Murchadh Peutan] Bha an ostail gu sònraichte a’ còrdadh rium.

[Dòmhnall Moireasdan] An robh gu dearbh?

[Murchadh Peutan] Tha mi a’ smaoineachadh gun robh càirdeas ann ’s bha rudan ann a bha dìreach iongantach agus tha caraidean agamsa a bha còmhla rium anns an ostail ’s tha iad nan caraidean chun an latha an-diugh.

[Dòmhnall Moireasdan] Rinn sibh bliadhnaichean na sgoile ma-thà agus thòisich ùidh ann an saidheans an uair sin, nach do thòisich?

[Murchadh Peutan] Uill chan eil fhios a’m. Tha mi a’ creidsinn gun do thòisich ùidh ann an saidheans ach anns an sgoil bha agad ri taghadh a dhèanamh glè thric eadar cuspairean, agus ’s e an taghadh a bh’ againne, tha cuimhne a’m, mas math mo chuimhne co-dhiù, bha againn ri taghadh a dhèanamh eadar saidheans agus ealan, agus tha e eu-comasach dhòmhsa dealbh shìmplidh a tharraing. Cha robh feum sam bith annam ann an ealan agus mar sin chaidh mi gu saidheans.

[Dòmhnall Moireasdan] Chan aithne dhòmhsa cuide seach chuid a dhèanamh. ’S math nach robh mi ann an Àrd-Sgoil Phort Rìgh aig an àm. Agus chaidh sibh dhan oilthigh a dhèanamh dè? Fiosaigs agus ... ?

[Murchadh Peutan] Fiosaigs ’s matamataig.

[Dòmhnall Moireasdan] Carson? Dè bha sibh a’ cur romhaibh a dhèanamh leis an sin?

[Murchadh Peutan] Cha robh mi a’ cur dad romham. Tha cuimhne agam nuair a bha mi anns an oilthigh cha robh beachd idir, idir agam dè bha mi a’ dol a dhèanamh nuair a thòisich sinn, nuair a rachainn a-mach gu saoghal obrach agus an aon bheachd a bh’ agam bha beachdan gu math làidir agam air rudan nach robh mi ag iarraidh a dhèanamh.

[Dòmhnall Moireasdan] Leithid?

[Murchadh Peutan] Leithid a bhith a’ teagasg.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2011.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!