FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Making oatcakes A’ dèanamh aran-coirce

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Annlan Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Annlan

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

A’ dèanamh aran-coirce

[Oighrig Mhoireasdan] Tha mi a’ smaoineachadh gur e aran-coirce tiugh as fheàrr. ’S e as taisealaich ’s tha e a’ còrdadh ris a h-uile duine. Ag obair ann an Caisteal, Abhainn Suidhe, mar a tha thu a’ faicinn ann an seo agus ag obair anns a’ chidsin ann, a’ cuideachadh a’ chòcaire, dìreach a’ glanadh shoithichean ’s rudan ach bidh mi a’ dèanamh fuine latha dhen t-seachdain no mar sin. Agus bidh sinn a’ dèanamh tòrr aran-coirce ’s sgonaichean cuideachd. Chan eil mise a’ tomhais uair sam bith ach dìreach a’ cur ann an rud a rèir mar a tha mi fhìn a’ faicinn iomchaidh. Cha bhi mi a’ tomhais ghnothaichean idir, ach sgobag bheag an siud ’s sgobag an seo. Sin agad mar a bhios mi ga dhèanamh. ’S tha sinn ga chur suas a h-uile oidhche às dèidh dìnneir. Bidh iad a’ gabhail aran-coirce ’s càise ’s tha iad uabhasach dèidheil air an t-seòrsa seo. Ron seo bhiodh sinn a’ cur thuca dìreach aran-coirce Gallda air a dhèanamh a bha sinn a’ ceannachd ach thòisich sinn a’ dèanamh seo. ‘S e fada as fheàrr leotha.

This programme, Annlan, was first broadcast in 2000.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!