FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Jean Ann Montgomery’s steamed puddings Mìlseanan bruich sa phana aig Sìne Anna NicGumaraid

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Mìlseanan bruich sa phana aig Sìne Anna NicGumaraid

[Màiri] A Shìne, seo am pìos den dìnnear as fheàrr leamsa. Siuthadaibh ma-thà, tha sibh a’ dol a dhèanamh mìlsean.

[Sìne Anna] Tha. Tha sinn a’ dol a thòiseachadh air steam pudding. Tha sinn ... Cuiridh sinn am flùr ann an toiseach agus cuiridh sinn rud beag siùcair ann. Tha còir agam ... sia unnsaichean deself-raising flour ann ’s tha dà unnsa de caster sugar ann.

[Màiri] Siùcar ruadh, nach e?

[Sìne Anna] ’S e, golden sugar a chanas iad ris, ’s e. Agus tha mi a’ cur ann teaspoon de baking powder. ’S tha mi a-nis a’ dol a sieveadh seo.

[Màiri] Nis tha sibhse a’ dèanamh tòrr bidhe nur n-obair làitheil.

[Sìne Anna] Tha.

[Màiri] Innsibh dhuinn beagan mun sin.

[Sìne Anna] Och uill tha e glè mhath. Tha mi ann airson a’ bhreakfast agus an lunch agus an uair sin a’ dol a chur a-mach an teatha dhaibh, dha na seann daoine dha bheil mi ag obair. Tha e glè mhath.

[Màiri] ’S tha suas ri dusan seann duine ...

[Sìne Anna] Tha, mun sin, tha. Cuiridh mi a-nis an t-ìm ann. Seo ceithir unnsaichean de ... ’s e th’ ann ach butter spread. Chan e ìm idir a th’ ann ach tha e nas softa. Tha mi a’ cur ann aon ugh.

[Màiri] Nist an e ... dè as àbhaist dhuibh a bhith a’ dèanamh? Fiù ’s a-staigh no aig ur n-obair, an fheàrr leibh a bhith a’ dèanamh biadh traidiseanta no an e rudan nas ùire, rudan annasach, as fheàrr leibh a bhith a’ dèanamh?

[Sìne Anna] Uill ’s toigh leam a bhith a’ faicinn rudan ùra. Tha na seann daoine, tha iad airson nan rudan a chleachd iad fhèin nuair a bha iad nas òige ’s mar sin bidh mi a’ feuchainn an toileachadh oir seo an obair a th’ agamsa.

[Màiri] ’S e rud gu math traidiseanta a tha seo ge-tà agus tha mi a’ smaoineachadh gur e rud a th’ ann nach eil sinn a’faicinn ro thric. Can ma thèid thu a-mach airson biadh.

[Sìne Anna] Ò tha mi a’ creidsinn nach fhaic. Tha mi a’ cur grated lemon rind ann cuideachd agus tha mi a’ cur ann, tha, bainne.

[Màiri] Tha mi cinnteach gu bheil sibhse air a bhith a’ dèanamh biadh ’s bèicearachd, còcaireachd o bha sibh òg, a bheil?

[Sìne Anna] Bu toigh leam còcaireachd riamh. Bha mi a’ faicinn mo mhamaidh a’ còcaireachd. Bhiodh i a’ dèanamh, uill, ’s e sgonaichean ’s pancakes agus aran-coirce a bha i a’ dèanamh agus dhèanadh i pastraidh ’s dòcha ’s chuireadh i jam air ’s ...

[Màiri] ’S innsibh dhuinn beagan mu dheidhinn nuair a dh’fhalbh sibh gu tìr-mòr. Dh’fhalbh sibh a dh’Inbhir Nis ’s dè rinn sibh ann an sin?

[Sìne Anna] Bha sinn an sin, bha mise ann trì bliadhna an diofar àiteachan ag ionnsachadh còcaireachd. Bha nigheanan às na Hearadh agus às Uibhist ann cuideachd aig an aon àm. Faigh sinn an cupa. Ghrease mi e ’s chuir mi spàin jam ann.

[Màiri] Tha seo a’ coimhead furasta gu leòr co-dhiù.

[Sìne Anna] Tha. Tha e furasta gu leòr. Cha toir e fada nas motha. Gheibh mi, tha mi a’ creidsinn, còig cupannan às air fad.

[Màiri] Am bi sibh a’ dèanamh an reasabaidh seo aig ur n-obair?

[Sìne Anna] Bithidh ach bidh mi ga chur dhan àmhainn mar as trice. Bidh an àmhainn air co-dhiù. Bidh sinn ga ùisigeadh.

[Màiri] Am faod sibh a chur dhan àmhainn no …

[Sìne Anna] Faodaidh.

[Màiri] … am faod sibh a chur ann am pana uisge goileach?

[Sìne Anna] Greaseproof paper a th’ agam. Pìos foil.

[Màiri] Dè tha seo a-nist? Pàipear?

[Sìne Anna] Pàipear, greaseproof paper a tha seo agus pàipear foil ’s bidh mi ga chur air. Faodaidh sibh sreang ùisigeadh airson a chumail air a’ chupa ach tha elasticband, tha e dìreach, tha e cus nas fheàrr na càil.

[Màiri] Tha Sìne-Anna a’ bruich nam mìlseanan ann an uisge a’ goil air a shocair airson dà fhichead mionaid.

[Màiri] Brèagha.

[Sìne Anna] A bheil sibh airson pìos fheuchainn dheth, a Mhàiri?

[Màiri] A bheil sinn a’ dol a dh’fheuchainn grèim beag?

[Màiri] An cuir sinn rud beag custard air no uachdar?

[Sìne Anna] Uill faodaidh sinn sin gun teagamh a dhèanamh.

[Sìne Anna] Feuch a-nis e, tha e teth.

[Sìne Anna] Tha e alright.

[Màiri] A bheil sibh toilichte leis?

[Sìne Anna] Tha.

[Màiri] Tha e a’ còrdadh riumsa co-dhiù.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!