FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Kareen MacLeod’s apple pie Am pàidh ùbhlan aig Kareen NicLeòid

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Am pàidh ùbhlan aig Kareen NicLeòid

[Màiri] Tha am pastraidh seo deiseil agaibh, nach eil?

[Kareen] Tha.

[Màiri] Dè chuir sibh dhan phastraidh?

[Kareen] Flùr plèan, ìm agus beagan bùirn airson a thoirt ri chèile.

[Màiri] Bidh cuid a’ cur uisge ann agus bidh cuid eile a’ cur sùgh liomain ann.

[Kareen] Bidh. Agus uighean. Tha mi a’ faicinn recipes airson uighean cuideachd ach cha bhi mise a’ cleachdadh sin.

[Màiri] Ma bhios tu a’ dèanamh pastraidh airson quiche noflan feumaidh e a dhol dhan àmhainn an toiseach mus tèid filling ann.

[Kareen] Feumaidh.

[Màiri] Am feum sibh seo a dhèanamh airson …

[Kareen] Chan fheum.

[Màiri] … am pàidh ùbhlan?

[Kareen] Chan fheum.

[Màiri] Chan fheum. Dè a-nis?

[Kareen] Nis, an t-ubhal agus bidh sinn a’ cur pìosan …

[Màiri] An cùm mise orm leis an seo ma-thà?

[Kareen] Cùmaidh. Bidh sinn a’ cur flùr, siùcar agus cinnamon dhan bhobhla … agus ga mheasgachadh.

[Màiri] Tha na h-ùbhlan a’ dol am bogadh anns an fhlùr an toiseach.

[Kareen] Tha. Tha sùgh nan ùbhlan agus iad a’ còcaireachd a’ dèanamh mar sabhs.

[Màiri] Tha e loma-làn ùbhlan co-dhiù.

[Màiri] ’S e am pastraidh, sin an rud as duilghe an seo. Tha an còrr gu math furasta, nach eil?

[Kareen] Tha.

[Màiri] Tha an obair anns a’ phastraidh.

[Kareen] Nuair a bhios tu deiseil dhan phastraidh ga dhèanamh feumaidh tu a bhith a’ leigeil dha resteadh anns am frids.

[Màiri] Tha sibh ga chur dhan frids.

[Kareen] Tha.

[Màiri] Tha seo a’ coimhead math. Agus dè cho fada a-nis anns an àmhainn? Dè seòrsa teis agus dè cho fada?

[Kareen] Uill tha mise ga chur ann aig dà cheud Celsius, dà fhichead mionaid no mar sin. Nis feumaidh sinn siùcar a chur air muin seo.

[Màiri] Dìreach crathadh siùcair air?

[Kareen] Air a’ mhuin.

[Màiri] Tha seo a’ coimhead uabhasach proifeiseanta.

[Kareen] Chan eil! Ach bidh thu a’ cur tuill dhan mhullach airson an teas a leigeil a-mach às na h-ùbhlan. Bidh iad a’ fàs gu math teth.

[Màiri] Coimhead cho snog ’s a tha seo a-nis ’s ubhal air a shliseadh an àite a bhith air cnapan ùbhlan …

[Kareen] Tha, tha.

[Màiri] Tha e tòrr nas snoige.

[Kareen] ’S tha e nas fhurasta a ghearradh cuideachd.

[Màiri] Am feuch sinn pìos?

[Kareen] Feuchaidh.

[Màiri] Toilichte?

[Kareen] Chan eil e ro mhilis.

[Màiri] Chan eil. Agus tha am pastraidh sònraichte math.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!