FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Scotland’s shellfish Maorach na h-Alba

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Annlan Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Annlan

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Maorach na h-Alba

[Preseantair] Is iomadh rud a tha fhathast air falach air machraichean na h-Alba. Ach tha mòran dhe na bha dìomhair air tighinn am follais, ‘s tha sin a’ toirt sealladh dhuinn air cho mòr ‘s a bha ar sinnsirean an crochadh air toradh na mara.

[Coinneach MacIlleathain] Nuair a tha thu a’ cladhadh ann an seann làraich an rud a tha a’ nochdadh an tòiseach agus tha cho pailt ‘s a ghabhas, gu h-àraidh anns na h-Eileanan, ‘s e sligean. Agus tha thu a’ smaointinn, uill thiochrais, cha robh dad sam bith eile aca ach sligean, cha robh iad ag ithe ach maoraich. Ach ma bha iad ag obair air maoraich, ‘s dòcha gun robh iad cuideachd ag obair air feamainn. An aon rud a th’ ann mu deidhinn dhaoine, tha iad gu math gleusta. Tuigidh iad gu math luath a bheil mathas sam bith ann an lusan, no ann am feòil no dad sam bith.

[An t-Oll Ailean Mac a’ Phearsain] Tha maorach glè mhath air ar son. Tha protein math ann agus tha beagan ola ann agus tha minerals ann cuideachd. Agus tha na minerals sin math air ar son. Ach tha e comasach airson na maoraich na minerals a’ concentratadh agus ma tha cus de mhineral ann, tha sin air ar puinnseanadh agus tha sinn a’ faighinn gu math tinn.

[Màiri NicRuairidh] Bha maorach gu math cudromach ann am beatha nan Gàidheal anns na linntean a dh’fhalbh, gu h-àraidh aig deireadh nan Ochdamh Linn Deug, tha mi cinnteach, sna h-eileanan seo ‘s tòiseach na naoidheamh Linn deug, air nach robh puinnsean cho pailt ‘s a tha iad an-diugh no idir a bhiodh. Fhuair e ainm “biadh nam bochdainn” a chionn bha gu leòr de dhaoine a bha cho bochd, ‘s cha robh dad aca a dh’ itheadh iad ach an rud a bheireadh iad às an tràigh. Agus bha iad ag ràdh gum biodh iad beò air a’ mhaorach gus an tionndaidh iad gu dubh mar am biodh iad ag ithe dad ach e fhèin. ‘S nuair a thigeadh an taiseann orra gum biodh iad gu math cunnartach, slàinte. Bhithinn-sa beò às na thigeadh às a’ mhuir. Bha mi air mo chleachdadh nuair a bha mi a’ fàs suas de dh’ iasg is maorach agus tha mi fhathast glè dhèidheil air agus ithidh mi maorach sam bith.

Chaidh am prògram seo, Annlan, a chraoladh an toiseach ann an 2000.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!