FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Teenie MacKenzie’s butterscotch tart An tort butterscotch aig Teenie NicChoinnich

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

An tort butterscotch aig Teenie NicChoinnich

[Màiri] Tha mi a' smaoineachadh gun còrd seo rium, Teenie.

[Teenie] Uill tha e gu math milis. Mas toigh leat rudan milis, còrdaidh e riut.

[Teenie] So tha sinn a’ cur còig unnsa flùir a-steach an toiseach dhan food processor.

[Màiri] Flùr plèan?

[Teenie] Flùr plèan. Agus an uair sin tha sinn a’ cur ceithir unnsa ime às an fhrids, tha sin a' dol a-steach cuideachd, agus unnsa icing sugar. ’S tha a h-uile càil a’ dol a-steach còmhla, agus tha e an uair sin a’ dol, bheir mi a-null gun food processor e. Sin e. Tha e gu math furasta a dhèanamh.

[Màiri] A h-uile sìon còmhla ’s dìreach ga bhualadh airson mionaid no dhà?

[Teenie] Mionaid no dhà gus an tig e na chnap no breadcrumbs. Fair ga chur air airson treiseag bheag.

[Teenie] Sin a-nis.

[Màiri] A bheil e air tighinn còmhla? Ò tha.

[Teenie] Tha.

[Màiri] Nis, mas e ’s gum bi e ro thioram, dè dhèanadh sibh?

[Teenie] Obrachadh. Tha seo, tha tòrr ime ann ’s fhad ’s a tha thu ga làimhseachadh tha e a’ fàs bog agus thig e, chì sibh nuair a chuireas sinn dhan trèidh, tiona ann an seo e. Tha sinn fair a’ dòirteadh sin a-mach. Tha e gu math, chì thu gu bheil e gu math briste, nach eil?

[Teenie] Seo a-nis. Bheir sinn seo a-null. ’S tha thu fair ga obrachadh, ga làimhseachadh. Ach feumaidh e a dhol dhan fhrids an uair sin airson leth-uair a thìde às a dhèidh airson ’s nach bi e a' searg nuair a chuireas tu dhan àmhainn e. So faodaidh seo a bhith gu math tana cuideachd.

[Màiri] Às dèidh dhan taois fuarachadh gu math, thathar ga bhruich san àmhainn aig ceud ’s ceithir fichead ceum fad fichead mionaid.

[Teenie] Nis airson a’ bhutterscotch, tha a dhà no trì rudan a' dol ann. An toiseach dà unnsa ime dhan phana ’s tha thu an uair sin a' cur siùcar donn. Tha thu a’ leaghadh an dà rud còmhla gus an leagh an siùcar agus an uair sin ga ghoil airson còig mionaidean às dèidh sin, agus tha thu an uair sin a' cur evaporated milk, leth-chanaevaporated milk, dhan phana ach tha thu a’ measgachadh evaporated milk, dà bhuidheagan uigh agus aon ugh agus spàin-teatha gu leth cornflour còmhla ’s tha sin a’ dol, agus tha sin vanilla airson nuair a bhios a h-uile càil deiseil bidh thu a' cur sin ann, ach tha thu a’ measgachadh sin còmhla ’s tha a h-uile càil a’ dol dhan phana aig deireadh an latha, ach an toiseach feumaidh sinn seo a bhruich.

[Màiri] Nis tha sibhse, tha sibh a’ dèanamh a-mach gu bheil e furasta.

[Teenie] Tha. Fuirich gus am faic thu!

[Màiri] Chan eil mi cho cinnteach.

[Teenie] Cho fad ’s nach loisg sinn e, bidh sinn alright. Ok so tha mi a’ dol a chur siùcar am measg an ime ’s tha sinn an uair sin a' dol a-null dhan ghas airson a bhruich.

[Teenie] Nis a’ dol a chur an evaporated bainne ann. S o bidh seo gu math teth so tha mi a’ dol a chur ann rud beag an toiseach.

[Teenie] An uair sin tuilleadh.

[Màiri] ’S dìreach ga chur timcheall fad an t-siubhail.

[Teenie]’S bidh e a’ dol air ais. Fàgaidh mise ann an siud e an-dràsta gus an cuir sinn seo air dòigh.

[Teenie] Ok so tha na h-uighean agus an evaporated milk a’ dol còmhla. Leth-chana eile a bha siud agus tha sinn an uair sin a’ dol a chur an cornflour ann, ma lorgas mi ... ’S tha sinn a’ measgachadh seo còmhla, a’ feuchainn ris na cnapan a tha seo a thoirt às.

[Teenie] Nì siud a’ chùis, tha mi a’ smaoineachadh, agus tha seo a-nis a’ dol am measg a h-uile càil a th' ann dhan phana. Seo a-nis. Agus a’ dol air ais dhan stòbh airson a theasachadh a-rithist.

[Teenie] Ma tha thu a’ toirt tòrr bruich dha an toiseach nuair nach eil ann ach an siùcar ’s an t-ìm tha sin a’ toirt caramelly flavour dha, ma dh’fhàgas tu treiseag bheag nas fhaide e. Chì thu gu bheil e a’ fàs tiugh.

[Teenie] Seo a-nis.

[Màiri] Tha Teenie a’ cur leth spàin-tì de bhrìgh vanilla dhan t-sàbhs bhutterscotch, agus ga dhòirteadh dhan tort. Tha meringue a' dol air a' mhuin agus air ais dhan àmhainn leis gus am bi e brèagha òr-bhuidhe.

[Màiri] Milis ach math.

[Teenie] Nì e a’ chùis.

[Màiri] Sgoinneil. Rinn sibh math.

[Teenie] Ok.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!