FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Welcoming Marie and Alec A' cur fàilte air Marie agus Ailig

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Aibisidh Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Aibisidh

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

A' cur fàilte air Marie agus Ailig

[Ùisdean] Fàilte oirbh gu sreath ùr Aibisidh far am bi mise, Ùisdean MacIllFhinnein, a’ feuchainn ri ceann a’ mhaide a chumail ri dà sgioba de dh’eòlaichean no co-dhiù duine no dithis a th’ air aoigheachd againn aig nach robh an còrr ri dhèanamh. Agus iad a’ sporghail ann an cùiltean agus ann an oiseanan cànan nan Gàidheal. Bidh abairtean againn, faclan, seanfhaclan agus faclan ùra. ’S dòcha feum air fiaclan ùra cuideachd mus bi an leth-uair a-mach. Dh’fhaodadh nach bi mi fhìn no iad fhèin no gu dearbh sibh fhèin càil nas foghlamaichte aig deireadh an t-sreath phrògraman seo ach tha sinn an dòchas gun toir sinn gàire oirbh agus gun glac sibh facal no abairt no fiosrachadh às ùr anns an dol seachad. Gu na sgiobaidhean ma-thà agus na sgiobairean. An toiseach, air mo làimh chlì an craoladair ainmeil Iain MacIlleMhìcheil. Uill ’s iomadh duine ainmeil a tha air tighinn a-mach à Eilean Ìle. A rèir càite an lorg sibh am fiosrachadh a tha sin, tha no chan eil Iain nam measg. A bheil e na thàmailt dhut nach eil thu nam measg, Iain?

[Iain] Tha gu teagamh, an-còmhnaidh. Cha bhi mi a’ dol faisg air làrach-lìn mu dheidhinn Ìle. ’S e sin ..

[Ùisdean] No mu do dheidhinn fhèin.

[Iain] Ach cha robh fhios aig duine a bhios ag èisteachd riumsa gu cunbhalach gun robh tiogaid sgiobair agam ge-ta.

[Ùisdean] Seo a-nis.

[Iain] Chun an-dràsta.

[Ùisdean] Sgiobair na sgioba, Iain MacIlleMhìcheil. Agus còmhla ri Iain an turas seo tha Màiri NicAmhlaigh. Rugadh ’s thogadh Màiri ann an Siabost ann an Eilean Leòdhais. Tha i pòsta aig Iain agus a-nis na seanmhair. Tha i air a bhith a’ fuireach ann an Condorat faisg air Comar nan Allt airson còig bliadhn’ deug air fhichead, cha mhòr cho fad ’s a tha Comar nan Allt fhèin air a bhith ann. ’S toigh leatha siubhal, cha tuirt i an ann às aonais Iain ge-tà, agus ’s toigh leatha cuideachd a bhith a’ cur ùine seachad gun a bhith a’ dèanamh dad ach ag ùrachadh nam batteries. Bidh i ag èisteachd ri MacIlleMhìcheil air oidhche Haoine, chan e droch rud a tha sin. Thàinig i gu sgrìobhadh nuair nach robh an còrr aice a dhèanadh i agus chaidh a’ chiad leabhar aice fhoillseachadh nuair a bha i leth-cheud ’s a dhà. Meal do naidheachd!

[Màiri] Tapadh leats’.

[Ùisdean] Tha fàilte romhad.

[Màiri] Nis, tapadh leat.

[Ùisdean] Feuch gum bi thu rèidh le MacIlleMhìcheil.

[Iain] Agus tha feum ort!

[Màiri] Tha mi a’ cumail smachd air. Tha mo làmh air a ghlùin mar-thà.

[Ùisdean] Seadh! Gluaisidh sinn ma-thà ann an cabhaig. Agus air mo làimh dheis a’ rìaghladh, Banrìgh Bheàrnaraigh, Màiri Anna NicDhòmhnaill. Coltach rium fhìn rugadh i ann an Ospadal Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis. Thogadh i ge-tà ann an Uibhist a Deas ach ’s ann ann am Port of Menteith a chaidh i dhan sgoil an toiseach, far an do thog i am beagan Beurla a th’ aice. Thill i dhachaigh a dh’Uibhist agus chaidh i a Sgoil Loch Baghasdail. ’S e balaich a bh’ air a’ chlas aice ann an sin a rèir coltais agus ann am Port of Menteith cuideachd. Sin far an do dh’ionnsaich i faclan leithid ‘disrespectful’, ‘ disruptive’ a chaidh fhàgail oirre. Co-dhiù tha mi cinnteach gun do dh’atharraich thu, a Mhàiri Anna.

[Màiri Anna] Fhios agad cho suarach ’s a tha thu. Bha esan a’ faighinn a mholadh gu na h-àrdan.

[Ùisdean] Atharraichidh sin ge-tà.

[Iain] A bheil thu a’ smaointinn?

[Ùisdean] Nis, tha eòlas aig Màiri Anna air iomadach cànan nach bi gu feum sam bith dhi an seo air Aibisidh. A Mhàiri Anna, tha fàilte romhad.

[Màiri Anna] Tapadh leats’ Ùisdein ach fhios agad tha iad feumail ann am Beàrnaraigh ’s sinn uile cho polyglot agus cho spaideil, tha.

[Ùisdean] Polyglots ann am Beàrnaraigh. Uill còmhla ri Màiri Anna airson taic a chumail rithe no a bhith na chrois buileach, Dòmhnallach eile, fear do mhuinntir Stafain, Ailig Dòmhnallach no Ailig Bhaltois mar as fheàrr as aithne dhan mhòr-chuid e. Sgitheanach chun na smeur ach an-diugh a’ fuireach agus ag obair ann an Obar Dheathain, a’ trèanadh airson a bhith na thidsear. Tha e air leth measail air a’ bhiadh agus tha a’ bhuil air. B’ fheàrr leis ge-tà grèim fhaighinn air cearc seach leabhar, tha e ag innse dhomh. Ithidh e rud sam bith ach uighean agus olives agus marmalade. Uill tha mi fhìn dhen aon rud. Agus chaidh e air chall ann an Steòrnabhagh aig deireadh na bliadhna a dh’fhalbh. Feumaidh gur ann a’ lorg dhùrachdan a bha e ann an sin. ’S fheàrr leis gu mòr Latha na Gocaireachd seach Latha na Nollaig. Ailig, carson?

[Ailig] Airson ’s gu bheil tòrr spòrs ceangailte ris agus a’ toirt gàire air daoine. ’S dòcha gun dèan mi sin a-nochd a rèir an dithis a tha ma mo choinneamh ann an seo.

Chaidh am prògram seo, Aibisidh, a chraoladh an toiseach ann an 2012.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!