FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fishing for seafood Ag iasgach mhaoraich

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Annlan Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Annlan

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Ag iasgach mhaoraich

[Preseantair] Le iasgach a’ sgadain, cha mhòr air a dhol à bith anns na h-eileanan, b’ fheudar dha na h-iasgairean tionndadh gu iasgach eile, a’ mhòr-chuid a’ tionndadh gu iasgach mhaorach. Ach chan eil an gnìomhachas sin gun thrioblaidean ceangailte ris fhèin.

[Coinneach I MacLeòid] Bidh daoine eòlach air na naidheachdan a bhios anns a meadhanan mu dheidhinn a’ chunnairt a bha co-cheangailte air togail creachann is mar sin às a’ Chuan Sgìth bho chionn ùine ghoirid is mathaid gur e rud tha gu bhith ann a tha a’ tachairt gach bliadhna anns na mìosan as blàithe. Ach chan eil sin na chunnart, chan eil ceangal sam bith eadar an t-seòrsa cunnairt sin agus a bhith a’ togail feamainn ann an dòigh sam bith, ‘s ann air sgàth gur e bivalves a th’ anns na sligean a tha sin agus gu bheil iad a’ sìolachadh òtrachas no truailleadh sam bith a tha sa Chuan agus gu bheil iad gan glèidheadh airson ùine ghoirid agus mur eil iad ga chairteachadh as-dèidh ùine a-rithist agus tha iad sàbhailte an uair sin ach tha rannsachadh air sgrùdadh a dhèanamh air gach seachdain a’ dèanamh cinnteach gum biodh iad sàbhailte airson dìon a’ phobaill, ‘s ann a tha casg air a chur air a bhith togail chreachann is mathaid maoraich eile aig amannan dhen bhliadhna.

[Preseantair] Ach, air a’ Ghàidhealtachd, tha daoine fhathast a’ moladh nan dòighean traidiseanta, ‘s tha iad dhen bheachd nach eil sìon cho math ri biadh nàdarra na mara.

[An Canon Aonghas MacCuin] Tha mise a’ cleachdadh an liuthad as fhèarr san fheamainn agus bidh mi a’ tighinn an seo a h-uile bliadhna dhan lòn a tha seo. Nis, tha lòn a tha seo ìseal mar a tha e air tràigh reothairt. Chan eil seo a’ tighinn am bàrr ach mu dhà latha anns a h-uile mìos. Agus mar sin, bidh mi a’ tighinn an seo a chruinneachadh a h-uile sìon a dh’ fheumas mi. Tha dobhar a’ fàs na liathaig ann an seo. Tha a-nis an dobhar sin, chaidh am fear sin a thiormachadh, gabhaidh e a bhruich mar a tha e, gabhaidh e tiormachadh cuideachd. Ach tha am fear seo loma làn siùcair. Siùcar sònraichte anns an fhear seo. Agus tha e loma-làn den t-siùcar a tha sin. Agus cha chreid thu cho milis agus a tha e. Bhiodh daoine, an Èirinn gu h-àraidh, bhiodh iad a’ measgachadh seo le fionnlagan agus bhiodh iad a’ dèanamh seòrsa de dh’uisge-beatha dhiubh. Agus mar sin, tha am fear sin, prìseil, prìseil, prìseil math. Tha fear sin ann. Seall air an fhear ud a-nis.

[An Canon Aonghas MacCuin] Tha muinntir Donegal, muinntir Donegal, nì iad feum dhen sin agus ‘s e cairgean a th’ aca oirre, chondrus crispus, ach chan e a th’ ann idir. Tha seo math dhan bhodhaig agad, gu h-àraidh ma bhios tu ag òl cus. Tha e a’ cur lìnigeadh ùr air an stamag agad. Carson nach eil sinn a’ dèanamh feum dheth …an leisgean, o chionn, tha e nas fhasa a’ dol dhan bhùth agus bidh thu a’ ceannachd ann an sin. Tha mise an aois a tha mi trì fichead ‘s a seachd-deug am-bliadhna agus tha mi ag ithe an t-uabhas feamainn agus iasg agus maorach. Ma tha thu ag ithe iasg, tha thu aotram nad inntinn. Tha sin ann cuideachd. Daoine a tha ag ithe tòrr feòla, tha iad cho slaodach agus an lethid sin. Ach an duine a tha ag ithe iasg agus maorach agus feamainn, tha iad cho aotrom nan inntinn, tha mi cinnteach às an sin cuideachd, am measg a h-uile rud eile math is mòr.

Chaidh am prògram seo, Annlan, a chraoladh an toiseach ann an 2000.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!