FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Heather Dewar’s sticky bread and butter pudding Am mìlsean arain is ime aig Fraoch Nic an Deòir

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2018.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2018.)

Video is playing in pop-over.

Am mìlsean arain is ime aig Fraoch Nic an Deòir

[Màiri] Innsibh dhomh beagan mu dheidhinn an lof a tha sibh air a dhèanamh ann an seo agus mar a tha sibh a’ dol ga cleachdadh airson am pudding a dhèanamh.

[Fraoch] Tha i fiadhaich soirbh a dhèanamh a chionn tha i dìreach, tha i dìreach, tha thu, tha thu a’ dèanamh beagan tì, poit tì, agus an uair sin tha thu a’ cur braich ann agus tha sin ga fhàgail fiadhaich bog, steigeach, gasta agus siùcar donn ’s uighean, measan, beagan flùir ’s ga dhèanamh anns an àmhainn agus gheibh thu dithis mar seo bhon mhixture sin agus gabhaidh e gu mar leth-uair no rudeigin mar sin agus le sin gleidhich e, tha iad ag ràdh gum bu chòir dhut a ghleidheadh airson a dhà no trì làithean ’s tha e a’ fàs nas fheàrr ach chan urrainn dhuinne a chumail na tha sin gun ithe ann an dìreach dà latha, tha fhios a’d. Agus tha e math anns an reothadair. Tha thu ga chur dìreach a-mach agus tha e soirbh an t-ìm a chur air nuair a tha e fuar, a chionn ma tha e bog tha an t-ìm a’ briseadh suas beagan, agus tha mi a’ dèanamh shliseagan dheth agus tha mi a’ dol a chur ìm air.

[Màiri] A bheil sibh a’ dèanamh tòrr fuine, Heather?

[Fraoch] Chan eil. Tha mi math air còcaireachd ach chan eil mi fiadhaich math air bèicearachd. Tha fhios a’d, nì mi rudan mar aran ghoirid agus briosgaidean. Chan eil mi a’ ceannach briosgaidean idir a chionn tha iad cho soirbh an dèanamh. Agus cuideachd tha mise a’ smaointeach mar a tha daoine ag ràdh riut “ò chan eil e math dhut sin ithe”, “ò fàsaidh tu reamhar”, tha mise a’ creidsinn nach fhàs thu reamhar leis na rudan a rinn thu fhèin a chionn tha fhios a’d ’s e ìm ceart, siùcar ceart, rudan mar sin a tha ann seach an stuff a tha thu a’ ceannachd.

[Màiri] Agus chan eil blas faisg cho math orra co-dhiù.

[Fraoch] Uill tha sin ceart.

[Màiri] Mas urrainn dhut a dhèanamh thu fhèin carson a bhiodh tu ag iarraidh a cheannach?

[Fraoch] Uill tha sin ceart. Chan eil e ag ràdh anns an reasabaidh am bu chòir dhut a bhith pailt leis an ìm ach tha mi a’ smaoineachainn gun dèan sin an gnothach.

[Màiri] Tha Fraoch a’ measgachadh aon ugh slàn agus dà bhuidheagan le làn spàin-tì brìgh vanilla. Tha i an uair sin a’ cur dà unnsa siùcair na cheann agus an rùsg air a sgrìobadh far bloigh liomain agus bloigh orainseir.

[Màiri] Tha Fraoch a’ cur còig deug unnsaichean sruthach de dh’uachdar na lùib.

[Màiri] Agus nuair a tha a’ phudding seo deiseil a bheil tòrr sùgh timcheall air a’ phudding no am bi sibh ga ithe le uachdar no custard?

[Fraoch] Feumaidh pudding uachdar.

[Màiri] Uachdar.

[Fraoch] Tha mi a’ smaoineachdainn gu feum. Nise, chuir mi a h-uile rud ann.

[Fraoch] Ach tha mise ga dhèanamh ann an soitheach car beag an-diugh ach chì sinn. Tha dùil a’m gum bi tuilleadh ’s a’ chòrr an seo airson an t-soithich sin. Tha e ag ràdh gum biadhaich sin sianar ach chan eil iad ag ràdh a bheil na daoine, a bheil iad acrach no nach eil. Right ma-tà agus tha sinn dìreach a’ cur seo a-staigh an seo, a bheil?

[Màiri] Uill tha e a’ coimhead furasta mar a tha sibhse air a dhèanamh gu ruige seo co-dhiù.

[Fraoch] Ò tha thu a’ faicinn, tha thu a’ faicinn thu fhèin gu bheil e furasta sin a dhèanamh.

[Màiri] Ach sin mar a tha a h-uile rud. Tha e a’ coimhead furasta nuair a nì cuideigin eile e.

[Fraoch] Right tha sinn deiseil. Tha an àmhainn, tha am àmhainn teth - thig a-staigh beagan – agus tha mi a’ dol a chur ann ... ann an amar. Tha mi a’ dol a chur uisge teth a-staigh an sin agus … cuiridh sinn seo a-staigh an seo.

[Màiri] Uisge teth timcheall air an t-soitheach.

[Fraoch] ’S e, agus tha sin, bu chòir gun cuir seo, stadaidh e a bhith tuilleadh ’s a’ chòrr teth.

[Màiri] An e uisge goileach a chleachd sibh?

[Fraoch] Uill ’s e. Tha, bha e goileach. One eighty ach ’s e fan a tha sin ’s leis a sin chuir mi air one seventy. Right!

[Màiri] Fichead mionaid.

[Fraoch] Fichead mionaid.

[Fraoch] Tha e ag èirigh. Tha sin a’ coimhead ceart a-nis. Chan eil e a’ sruthadh mun chuairt a-nis.

[Màiri] Ok.

[Fraoch] Nì sin an gnothach.

[Fraoch] Nise, dall ort. Feuch beagan dhe sin.

[Màiri] Tha mi a’ coimhead air adhart ris an seo.

[Fraoch] Tha sin glè mhath.

[Màiri] Dè do bharail? Math?

[Fraoch] Agus ’s toigh leam mar a gheibh thu pìosan beaga cruaidh air a’ mhullach mar sin.

[Màiri] Bha sin fada, fada nas blasta na …

[Fraoch] Dìreach …

[Màiri] … pudding arain ’s ime a dh’fheuch mise roimhe.

[Fraoch] Feuch beagan tuilleadh.

[Fraoch] Chan fhàs thu fiadhaich reamhar le sin.

[Màiri] Sgoinneil.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2013. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!