FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Shona Masson's blondies Na "blondies" aig Shona Masson

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Na "blondies" aig Shona Masson

[Griogair] Shona, dè tha thu gu bhith bèiceireachd an-diugh?

[Shona Masson] Uill, an-diugh tha mi a' dol a dh'fheuchainn air blondies, malted blondies, tha mi a' dol a thòiseachadh leis a' theòclaid, 's tha uisge agam an seo, uisge teth, is tha mi dìreach a' dol gan leaghadh.

[Griogair] Dè tha na teòclaid geal, dè tha seo?

[Shona Masson] 'S e ceud gram a tha sin, agus leis a sin tha mi a' cur ceud agus fichead 's a còig gram de dh'ìm, so tha sin a' dol a-staigh cuideachd, 's tha iad uabhasach fhèin milis.

[Shona Masson] Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e deiseil, a h-uile rud air a leaghadh a-nis. Tha mi a' dol ga thoirt bhon a' phana, agus dìreach ga fhàgail airson beagan mhionaidean airson 's nach bi e cho teth nuair a chuireas mi na rudan eile a-staigh.

[Griogair] Tha seo, can, air fuarachadh beagan. Is tha dà cheud 's fichead 's a còig gram de shiùcar ruadh, siùcar bog ruadh, agus tha sin a' dol a-staigh. Agus, tha cuideachd…

[Griogair] Gu leòr siùcar ann an shin.

[Shona Masson] Tha. Ach tha cuideachd trì uighean, air am bualadh. Tha sin a' dol a-staigh cuideachd. Agus… tha spàin-tì de vanilla a' dol a-staigh cuideachd. Is tha mi a' dol ga mheasgachadh còmhla.

[Shona Masson] So tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin air thighinn còmhla a-nis. So, Griogair an toir thu an t-sìoltachan dhomh an toiseach?

[Griogair] Seo a-nis.

[Shona Masson] Tha mi a' dol a chur flùr 's rudan ann. So, cuiridh mi flùr a-staigh an toiseach, so nam b' urrainn dhut sin a thoirt dhomh. Taing. So seo, tha ceud, uill anns a' bhobhla seo, tha ceud gram de flùr plain, agus leth-cheud gram de flùr self-raising còmhla. So tha sin a' dol a-staigh.

[Shona Masson] Agus tha an pùdar malted mar gum biodh cuideachd. Tha ceithir spàin-bhùird agam a thighinn an seo, tha sin dìreach toirt blas a bharrachd dhan na blondies. Gun a bhith a' cur cus… gun a bhith ga bhualadh cus, really. Sin trì fichead gram, dìreach teòclaid àbhaisteach air a ghearradh.

[Shona Masson] Agus an uair sin, an rud mu dheireadh, sin na buill beaga teòclaid an sin.

[Griogair]… a tha seo.

[Shona Masson] Agus tha mi a' dol gan cur a-staigh. Tha mi air feadhainn dhiubh a ghearradh, feadhainn dhiubh fhàgail slàn mar gum biodh. Tha sin a' toirt beagan texture 's crunch beag really actually dhan na cèiceachean.

[Griogair] Seo a bhios math, coltas math nach eil agus tha an tiona, tha iad airson a h-uile càil ann an sheo?

[Shona Masson] Tha, yeah so, dìreach tiona àbhaisteach beag no… Tha mi a' smaoineachadh gur e rudeigin mar fichead centimetre neo mun size sin.

[Shona Masson] Tha mi dìreach ga chur a-staigh… dhan treidhe.

[Griogair] Bidh e a' dol dhan àmhainn?

[Shona Masson] Bithidh, bithidh. Tha an àmhainn aig… uill, 's e fan àmhainn a th' agamsa 's tha mi a' smaoineachadh gu bheil e aig ceud 's leth cheud degrees mar gum biodh. Agus bidh e a' dol a-staigh dhan an sin airson 's docha trithead 's a còig neo dà fhichead mionaid neo rudeigin mar sin.

[Griogair] Tha Shona a' feitheamh gus am bi na blondies fuar, an uair sin gam frasadh le teòclaid gheal air a leaghadh agus buill teòclaid air am pronnadh.

[Griogair] Amazing!

[Shona Masson] Tha na sùilean uabhasach toilichte agad.

[Griogair] Tha blas am malt a' tighinn troimhe cuideachd.

[Shona Masson] A bheil? Tha sin math.

[Griogair] Chan eil seo ro mhilis.

[Shona Masson] Tha sin math.

[Griogair] 'S tha iad a' coimhead àlainn.

[Shona Masson] Tha, tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad a' coimhead gu math tarraingeach.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2018. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!