FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Preparing shellfish Ag ullachadh maorach

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Seòid a’ Chidsin Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Seòid a’ Chidsin

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Ag ullachadh maorach

[Ùisdean] So chuir mise seachad an latha an-dè a' faighinn maorach.

[Ruaraidh] Rinn thu glè mhath, a bhalaich. Abair haul a th' agad ann an sin.

[Ùisdean] Tha giomach, crùbag, muasganan-caola a' Chuain Siar, squid ...

[Ruaraidh] "Gibernach".

[Ùisdean] "Gibernach"?

[Ruaraidh] "Gibernach", aidh.

[Ùisdean] ... feusgain. 'S e fair rud beag de phlatter a nì sinn le seo.

[Ruaraidh] Aidh.

[Ruaraidh] Nì sinn rud beag Marie R ose sauce. Nì sinn rud beag vegetables agus fair ...

[Ruaraidh] Math dha-rìribh.

[Ùisdean] Bruichidh sinn na muasgan-caola 's bruichidh sinn feusgain 's nì sinn squid dìreach ann an rud beag garlic butter.

[Ruaraidh] Chan eil sin a' feumachainn cus bruich idir.

[Ùisdean] Chan eil sin a’ feumachainn dad a bhruich. Chan eil biod dheth a’ feumachainn dad a bhruich. Tha an giomach 's a' chrùbag ...

[Ruaraidh] Uill 's math sin oir tha an t-acras gam tholladh.

[Ùisdean] Ò uill glè mhath. So ma nì thu beagan prep dhomh. Tha sinn ...

[Ruaraidh] "Ullachadh".

[Ùisdean] "Ullachadh", aidh, aidh. Sin am fear.

[Ruaraidh] Nì mi beagan ullachaidh dhut.

[Ùisdean] "Ullachadh" - 's e sin a bha mi a' ciallachadh. Pìosan dhen phiobar agus dhen chelery.

[Ruaraidh] Glè mhath.

[Ùisdean] ’S tha esan an sàs ann an sin ’s tòisichidh mise a' bruich ...

[Ruaraidh] Dall ort ma-thà.

[Ùisdean] ... feusgain agus na muasgan-caola.

[Ùisdean] Tha mi fair a’ dol a dhèanamh prawns ann an rud beag bùrn goileach le am pailteas salainn.

[Ruaraidh] Ò gu dearbh fhèin e.

[Ruaraidh] Dè rud a bhruich a tha thu a' toirt dhaibh, Ùisdein?

[Ùisdean] Ò chan eil ach dìreach mionaid. Chan eil iad a’ feumachainn dad de bhruich.

[Ruaraidh] Agus dè cho, ma thèid thu taobh seach taobh, an tèid am milleadh? Dè, dè ...?

[Ùisdean] Ò ma gheibh iad cus bruich tha iad fair a' dol bog ’s tha e a’ dol gun fheum.

[Ruaraidh] À right.

[Ùisdean] Tha na feusgain, cha mhòr gu bheil iad a’ feumachainn dad de bhùrn. Dìreach rud beag so beagan salainn a' dol a-steach an sin. Gabhaidh mi an còrr de na feusgain dhan phrais agus mairidh iad f air mionaid a' tighinn air ais dhan ghoil agus mar as trice le seo an àm an aire a thighinn chun ghoil. Am pailteas salainn a-rithist. Fhad 's a tha sin a' dol tha mise a' dol a thòiseachadh air an squid.

[Ruaraidh] Math dha-rìribh.

[Ùisdean] Ciamar a tha e a' dol dhut?

[Ruaraidh] Alright. Glè mhath. Dè nì mi a-nis?

[Ùisdean] Faodaidh tu rud beag ime 's garlic a dhèanamh dhomh.

[Ruaraidh] Nì mi sin dhut, a bhalaich. Tòisichidh mi air a' gharlic.

[Ùisdean] Aidh.

[Ruaraidh] Cia mheud ... Cia mheud clòbha?

[Ùisdean] Och a dhà co-dhiù.

[Ruaraidh] A dhà co-dhiù.

[Ùisdean] Aidh. Chan eil adhbhar ... Feumaidh tu blas a' gharlic.

[Ruaraidh] Ò feumaidh, aidh, agus dè eile a chuireas mi ann? Parsley? Beagan salainn 's dòcha?

[Ùisdean] Salainn agus ìm agus garlic ...

[Ruaraidh] Glè mhath.

[Ùisdean] ... cha chreid mi.

[Ùisdean] 'S e seo an t-seòrsa èisg a chleachd daoine a bhith a' sadail air falbh.

[Ruaraidh] Dìreach, aidh.

[Ùisdean] Chan eil fair ...

[Ruaraidh] No a bhith ga chleachdadh mar bhiadh no rudeiginich.

[Ùisdean] Aidh so tha thu ag iarraidh a h-uile biod dheth ach dìreach siud am, siud beul an squid a tha siud ’s chan eil thu ag iarraidh sin a bhith ann, ach 's chan eil thu ag iarraidh an taobh a-staigh, ach nuair a tha thu a' glanadh squid tha thu dìreach a' toirt an taobh a-staigh a-mach agus tha cuideachd ite beag na bhroinn an siud 's tha thu a' toirt sin a-mach. Faodaidh tu an uair sin na rings a dhèanamh dheth. Nì sinn fair, sgol beag dha na làmhan.

[Ùisdean] Tha dath brèagha orainds a' tighinn ...

[Ruaraidh] Ò tha.

[Ùisdean] ... air so bheir sinn sin fair a-mach an-dràsta.

[Ùisdean] Agus, so siud dheth. Cuiridh sinn siud ann an siud 's tha mi a' dol a ghoid pìos no dhà de na cnapan deighe a tha seo dìreach airson an temperature a thoirt sìos rud beag, gus nach cùm iad a' dol a’ bruich.

[Ùisdean] Tha na feusgain deis' so 's e fair sùgh a thoirt dhiubh. Gu math tric cumaidh tu an sùgh a tha seo airson ma bhios tu a' dèanamh nàdar de mhoules marinière no sabhs sam bith. Tha am blas math, ach airson an rud th' againne an-diugh, chan eil feum sam bith againn air.

[Ùisdean] 'S an do rinn thu riamh dad de phrep air maorach, air ìnean crùbaig 's sin?

[Ruaraidh] Tha mi truagh air an obair sin, Ùisdein.

[Ruaraidh] Ò uill tha sin gu math grinn a' coimhead eh?

[Ùisdean] Tha, 's cuiridh sinn fair, cuiridh mi sgolb beag bùrn sallain fair airson ...

[Ùisdean] Fàgaidh mi seo mionaid bheag dìreach airson a ghlanadh a-mach.

[Ùisdean] So tha iad sin fair a h-uile càil dhen fheòil sin fhaighinn a-mach à sin. Ma chuireas mise iad seo a-null thugad 's cuiridh sinn am bobhla an seo ...

[Ùisdean] 'S e an rud as duilghe mu dheidhinn a bhith a' dèanamh crùbag deiseil airson ithe 's e gun a bhith ag ithe a h-uile càil mi fhìn.

[Ruaraidh] Dìreach.

[Ruaraidh] Tha gu leòr feòil anns na ...

[Ùisdean] Tha tòrr feòla ann an crùbag 's tha feòil anns a' chorp cuideachd ...

[Ruaraidh] Tha.

[Ùisdean] ... ach 's e fear nan ìnean a tha sinn a' dèanamh an-dràsta.

[Ruaraidh] Nuair a tha thu a' faighinn rud mar seo a tha ùr bho do stairsnich fhèin tha e cho blasta, chan eil thu ag iarraidh toirt air falbh bho na blasan a th' ann gu nàdarra.

[Ùisdean] Chan eil. Chan eil adhbhar a bhith a' dèanamh càil ... càil nach eil e a' feumachainn.

[Ruaraidh] Tha sin blasta.

[Ùisdean] Tha an fheòil fair ...

[Ruaraidh] Ò tha, tha e dìreach ...

[Ùisdean] Tha giomach math ach a' chrùbag ann a tha blas uabhasach math air.

[Ruaraidh] Ò no, tha sin math dha-rìribh. Bha dìreach gu leòr bruich ann an sin.

[Ùisdean] Aidh 's cuiridh sinn fair ... Dìreach ...

[Ùisdean] Tha a' chrùbag deis’. Tha mi air an squid a sgoladh. Tha na prawns dèanta. Tha na feusgain an siud. Tha mayonnaise an siud ...

[Ruaraidh] Tha.

[Ùisdean] ... agus tha ...

[Ruaraidh] An stuth a rinn thu fhèin.

[Ùisdean] 'S e seo am mayonaise. Ò ’s e. Tha e cho sgiobalta mayonnaise a dhèanamh.

[Ruaraidh] Tha.

[Ùisdean] Tha tomato puree math an sin. Tha hot pepper sauce, Worcester sauce ...

[Ruaraidh] Worcester sauce.

[Ùisdean] ... rud beag paprika ...

[Ruaraidh] Rud beag paprika.

[Ùisdean] ... agus so tha sinn ag iarraidh ann an soitheach, cuir mayonnaise. Am measg sin cuir 's dòcha spàin, so tha thu ag iarraidh 's dòcha tablespoon, can, de mhayonnaise agus 's dòcha leth-uimhir de thomato puree. Tha thu ag iarraidh rud beag dhen hot pepper sauce, rud beag dhen Worcester sauce , sùgh bho lime ...

[Ruaraidh] Sùgh bho lime.

[Ùisdean] ... rud beag paprika agus tha tiolaidh an sin 's ma ghearras tu an àrd an tiolaidh.

[Ruaraidh] Ok.

[Ùisdean] Dìreach chop an àrd ...

[Ruaraidh] Uill nì mi sin an toiseach.

[Ùisdean] Aidh agus gun na seeds.

[Ruaraidh] Gun na seeds.

[Ùisdean] Agus so thig an tiolaidh fair air a' mhullach fair sprinkled air a' mhullach 's bidh sin math.

[Ùisdean] Tha sinn a' dol a dhèanamh dà rud leis a' ghiomach. Bidh ... Thig aon aca bhon ghrill le fair rud beag ime 's sin 's ithidh sinn fear às an t-slig.

[Ruaraidh] Bidh sin math.

[Ùisdean]Mar sin dheth ach an teile thig i air an truinnsear, fair fuar so nì sinn an tè a tha a' dol bhon ghrill an toiseach. Ann an dà phìos.

[Ruaraidh] An dèan thu na tiolaidhs gu lèir no dìreach an dàrna leth dheth?

[Ùisdean] Och an dàrna leth, cha chreid mi.

[Ruaraidh] An dàrna leth.

[Ùisdean] An dàrna leth. Chan eil ... Ma tha sinn a' smaoineachainn gum feum e tuilleadh, faodaidh sinn tuilleadh a chur air.

[Ruaraidh] Ok.

[Ùisdean] Agus siud a-nise. Seall thusa air a' ghiomach a tha sin 's tha pìos no dhà ri thoirt a-mach às an ... Bheir sinn siud air falbh.

[Ruaraidh] Tha mi air an reasabaidh agad a leantainn gu mionaideach. Tha mi an dòchas gun do dh'obraich e. Tha e a' coimhead glè mhath.

[Ùisdean] Tha mi a' coimhead ri sin a-nis, a' coimhead math.

[Ruaraidh] Tha, tha.

[Ùisdean] An do chùimhnich thu tha lime ... ?

[Ruaraidh] Chaidh lime ann. An dàrna leth dheth ann.

[Ùisdean] Glè mhath.

[Ruaraidh] A bheil càil a dhìth air?

[Ùisdean] 'S dòcha rud beag sùgh lìm?

[Ruaraidh] Rud beag a bharrachd.

[Ùisdean] "Lìm"? Carson as e "lìm" a th' ann?

[Ruaraidh] Chan eil fhios a'm. Cha b' e ruith ach "lìm".

[Ruaraidh] Ged nach eil e a' feumachainn tòrr bruich tha obair anns a' mhaorach eh?

[Ùisdean] Tha obair ... Tha obair ga dhèanamh deis'. Aidh. Tha tòrr ullachaidh a' dol leis. Air aon dha na soithichean sin tha sinn ag iarraidh rud beag leatais.

[Ruaraidh] A bheil thu ga iarraidh slàn no air a ghearradh no ...?

[Ùisdean] Ma chumas tu fair, ma striopadh tu rud beag.

[Ùisdean] Tha pìos no dhà an siud. Sadaidh sinn siud fair bhon ghrill. Togaidh sinn siud a-mach dìreach gus an tog e às furasta. Dh'fhaodadh tu rud mar chàise no càil a chur mullach seo.

[Ruaraidh] Dh’fhaodaidh.

[Ùisdean] Ach chan eil mise a' smaoineachainn gu bheil sin a' dol a dhèanamh càil air a shon. Nam biodh tu Michelin starred an sin bhiodh tu a’ dèanamh tòrr a bharrachd trimming a dhèanamh air seo na tha mise.

[Ruaraidh] Aidh.

[Ruaraidh] Dè cho fad 's a bhios sin, Ùisdein?

[Ùisdean] Ò fair, a dhà no trì mionaidean. Cumaidh sinn sùil air.

[Ùisdean] Ò right, seall nuair a thuirt mi "striop an leatas".

[Ruaraidh] 'S e sin a rinn mi.

[Ruaraidh] Aidh, aidh, 's e.

[Ruaraidh] Bha dùil agamsa gun robh thu ag iarraidh nàdar de, fhios agad, a' cumail leis an ...

[Ùisdean] Aidh, aidh.

[Ruaraidh]... theme na mara. Gur e nàdar de bhàta a bha thu ag iarraidh.

[Ùisdean] Aidh, aidh. Nuair a thuirt mi "leabaidh" bha mi a' smaoineachainn rud cofhurtachd.

[Ruaraidh] Cha robh fhios a'm gun robh thu a' dol fair abstract mar sin idir.

[Ùisdean] Aidh dìreach rudeigin, rudeigin mar siud.

[Ùisdean] Tha sinn ag iarraidh dìreach, cuiridh sinn dìreach dollop bheag den mhayo fodha dìreach. Chan eil thu ag iarraidh cus blas a' mhayo air a' chrùbaig ach ...

[Ruaraidh] Sin, a mhate.

[Ùisdean] Ò sin thu fhèin.

[Ruaraidh] Sin agad e.

[Ruaraidh] Tha seo a' coimhead math.

[Ùisdean] Tha seo a' dol uabhasach math le ...

[Ruaraidh] Tha mi a' creidsinn, aidh.

[Ùisdean] Feòil geal crùbaige.

[Ùisdean] Car no dhà piobair air sin. Ma chuireas tusa na wedges timcheall air sin.

[Ruaraidh] Nì mi sin. Fhios agad, ma nì thusa an donkey work 's urrainn dhòmhsa rud a dhèanamh gu math sgiobalta.

[Ùisdean] Aidh, aidh, ’s e, ’s e.

[Ùisdean] Abair slaps matha a rinn thu an sin.

[Ùisdean] Cuiridh sinn a h-uile càil air an truinnsear nuair a thig e a-mach.

[Ruaraidh] Glè mhath, glè mhath.

[Ùisdean] So tha sin ... Cuiridh mi dìreach rud beag eile den ìm air seo.

[Ruaraidh] Dè cho deatamach, Ùisdein, 's a tha e gun toir thu dìreach an ùine a tha a dhìth dhan ghibernach?

[Ùisdean] Chan eil thu ag iarraidh iad a bhith air ro fhada idir air sgàth 's ...

[Ruaraidh] Aidh. Thig iad mar rubair.

[Ùisdean] Thig, thig iad fair mar rubair agus ... Cha toir e ach mionaid bheag.

[Ruaraidh] Chan iarr e an còrr.

[Ùisdean] Chan iarr e an còrr.

[Ruaraidh] Chan iarr e an còrr. Tha sin cha mhòr a' tòisichinn a bhruich mar-thà eh?

[Ùisdean] Ò aidh. Cha toir e fad sam bith. Thig e geal 's 's e sin e deis’.

[Ruaraidh] Tha mi a' faicinn an daith ag atharrachadh ann an siud 's an seo.

[Ùisdean] Tha so 's e fair ... Ga chumail a’ tionndadh gus am fàs e fair rud beag nas gile. Chan eil thu ag iarraidh càil air seo ach fair rud beag lemon juice.

[Ùisdean] Tha siud ... Tha na giomaich an siud so faodaidh sinn, tha mi a' creidsinn

[Ruaraidh] Tubhailt cheart a chur sìos ...

[Ùisdean] Tubhailt cheart. Siud an tubhailt.

[Ruaraidh] Chan e, ach siud an searbhadair.

[Ùisdean] Chan e ach tubhailt.

[Ruaraidh] Searadair.

[Ùisdean] 'S e th' ann ann searbhadair ach cuideigin à Siadair.

Chaidh am prògram seo, Seòid a’ Chidsin, a chraoladh an toiseach ann an 2017.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!