FaclairDictionary EnglishGàidhlig

History of the herring Eachdraidh an sgadain

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Annlan Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Annlan

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Eachdraidh an sgadain

[Preseantair] Bho àm nan Lochlannach, tha aon iasg air a bhith os chionn chàich nar dualchas, an sgadan.

[Coinneach MacGill-Eain] Eachdraidh an sgadain, tha fhios againn air an fhacal fhèin sgadan, skat fisk a’ ciallachadh gun robh, aig aon àm, Àm nan Lochlannach, bha daoine a’ pàigheadh màl à skat, sgadan skat. Tha skat a’ ciallachadh iasg a bha daoine a’ pàigheadh, bha iad a’ pàigheadh màl leis an iasg a bha sin, saillte no ùr, chan eil sinn buileach cinnteach, ach ‘s e sin a’ chiad rud mu dheidhinn eachdraidh an èisg a tha seo.

[Iain MacAonghais] Tha Màrtainn Màrtainn a’ sgrìobhadh aig deireadh an t-seachdamh Linn Deug. Tha esan ag ainmeachadh sgadan am measg rudan eile agus mas math mo chuimhne, chan eil e ag ràdh gun robh daoine a’ sailleadh an sgadain an uair sin. Co-dhiù, cha robh iad, a rèir choltais, ga shailleadh mar a tha sinn eòlach air a bhith ga shailleadh ach bha iad ga chumail uaireannan, tha mi a’ smaoineachadh, ann an luach, is bha iad a’ cumail rudan eile cuideachd. Bhiodh, ‘s dòcha a’ glaiseadh sgadan a bha iad a’ tiormachadh, mar a chunnaic mi fhèin is chunnaic daoine eile, spealtagan, smalagan, ‘s dòcha liùthagan cuideachd a bha iad a’ tiormachadh, bha iad gan cur ann an salainn ach bha iad an uair sin gan tiormachadh sa ghaoith.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!