FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gregor’s Brazil nut toffee An tofaidh chnòthan Brazil aig Griogair

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

An tofaidh chnòthan Brazil aig Griogair

[Griogair] Tha mi a’ cur pana air stobh meadhanach teth. Tha dà chopan de bhàrr tiugh agam, tha aon dhiubh dol a’ phana an-dràst’, cuiridh mi an uair sin ann dà chopan is cairteal de shiùcar ruadh shoilleir, leth chopan ìme, trì chairteal chopan de shiorap agus làn spàin-teath’ de shalann, a’ cur seo mun cuairt gus am bi an t-siùcar air leaghadh.

[Griogair] Tha mi an uair sin ga thoirt gu goil, agus a’ cur an còrr dhen bhàrr na mheasg air mo shocair. Tha mi ga chumail a’ goil, suas gu ceud ’s fichead Celsius. Dh’fhaodadh tu sin atharrachadh dhaibhsan a tha dèidheil air tofaidh nas cruaidhe no nas buige.

[Griogair] Bheir mi am pana far an stòbh agus cuiridh mi ceud grama de chnòthan Brazil ann, agus làn spàin-teath’ de bhrìgh vanilla. Dòirt a-mach e air treidhe a chaidh a shuathadh le ìm, agus leig leis cruthachadh airson co-dhiù dà uair a thìde. An uair sin, tha mi ga thionndadh a-mach, air tubhailt-shoitheachain, agus ga bhriseadh.

[Griogair] Tha fiù ’s Bàrnaidh an cù ag iarraidh pìos ach chan eil e ga fhaighinn.

Chaidh am prògram seo, Fuine, a chraoladh an toiseach ann an 2018. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!