FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Roddy's oatcakes Aran-coirce Ruaraidh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Seòid a’ Chidsin Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Seòid a’ Chidsin

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Aran-coirce Ruaraidh

[Ruaraidh] Tha mise a’ dol a dhèanamh rud beag aran-coirce a bhios math dha-rìribh leis an hot smoked bradan againn. Anns a’ bhobhla seo tha mu phunnd min-choirce agam, beagan min-fhlùir. Tha mi a’ dol a thilgeil ann salann, cream of tartar, bicarbonate of soda. Dìreach spàin bheag dhan a h-uile càil. A’ dol a mheasgachadh seo gu math fhad ’s a tha e tioram, gus an tèid a h-uile càil an lùib a chèile. Fhuair mi cnapan anns a’ bhicarb so tha e math na cnapan sin fhaighinn a-mach agus dìreach a mheasgachadh gu math. Tha e a’ coimhead glè mhath. Nise, ’s e mo sheanmhair a thug an reasabaidh seo dha mo mhàthair agus nuair a bha ise ga dhèanamh ... Tha thu ann an sin, Ùisdein.

[Ùisdean] Tha, siud thu a-nis.

[Ruaraidh] Ciamar a tha am bradan a’ dol?

[Ùisdean] Tha e a’ coimhead glè mhath. ’S e a tha.

[Ruaraidh] Uill bha mi dìreach ag innse dhaibh, ’s e mo sheanmhair a thug an reasabaidh seo dha mo mhàthair agus nuair a bha ise ga dhèanamh ’s e geir a bhiodh iad a’ glèidheil a bhith a’ cleachdadh.

[Ùisdean] Ò aidh, aidh.

[Ruaraidh] Ach ’s e margarine a bhiodh mo mhàthair a’ cleachdadh. Ach bho chionn ghoirid fhios agad, Ruaraidh beag, fhuair sinn a-mach nuair a bha e beag nach fhulaingeadh e bainne no ìm so thòisich sinn a’ dèanamh an aran-coirce le soya spread.

[Ùisdean] Ò thì, nach sibh a a tha new age.

[Ruaraidh] Agus tha e tòrr nas fheàrr.

[Ùisdean] Ò tha sin ag obair math?

[Ruaraidh] Aran-coirce a b’ fheàrr a ghabh mise a-riamh.

[Ùisdean] Ach ’s e reasabaidh do sheanmhar a th’ ann.

[Ruaraidh] ’S e, ’s e.

[Ùisdean] Aidh aidh. Agus an robh ise cho luideach timcheall a’ bhòrd ’s a tha thu fhèin an-diugh?

[Ruaraidh] Chan eil càil a dh’fhios a’m.

[Ùisdean] Co-dhiù, feumaidh mise ...

[Ruaraidh] Dè tha thusa a’ dèanamh?

[Ùisdean] Tha mi a’ sgrìobadh buntàta no dhà an-dràsta.

[Ruaraidh] Mar dha-rìribh. Dè do bheachd a dhèanamh leis a’ bhuntàta?

[Ùisdean] Nì sinn beagan ... Uill an rud a bhios daoine a’ gabhail mar as trice le pastrami ’s e potato salad ’s coleslaw.

[Ruaraidh] Ò math dha-rìribh.

[Ùisdean] Agus tha còir am pastrami a bhith air ryebread le picil ’s rudan mar sin so bidh sin glè mhath.

[Ruaraidh] Agus dè seòrsa buntàta a th’ agad?

[Ùisdean] Tha an-dràsta Jersey Royals ach nam biodh sinn beagan nas fhaide air adhart anns a’ bhliadhna bhiodh sinn a’ faighinn nan earlies a bhiodh daoine a’ fàs suas ann an seo fhèin.

[Ruaraidh] Uill tha mi dìreach an-dràsta, nuair a chì thu seo, can dìreach aig an ìre seo, 'goirid' no 'short' mar a chanas iad, tha thu deiseil airson rud beag uisge a chur ann. Nise, chan urrainn dhomh a ràdh dè uiread de dh’uisge a thèid ann. Tha e eadar-dhealaichte a h-uile turas a chionn cuid a mhin-choirce gabhaidh e barrachd uisge na min-choirce eile so druthag bheag uisge.

[Ùisdean] ’S e latha math tioram a th’ ann an-dràsta.

[Ruaraidh] ’S e.

[Ùisdean] Carson a tha thu a’ cantainn gu bheil an t-uisge againn?

[Ruaraidh] An-còmhnaidh do chuid nonsense. Steig thusa leis a’ bhuntàta.

[Ùisdean] Aidh, aidh. 'Uisge' a’ tighinn às an adhar, 'bùrn' a’ tighinn às an tap.

[Ruaraidh] So tha mi dìreach a’ dol a chur rud beag uisge an lùib seo an-dràsta.

[Ùisdean] A bheil thu ag iarraidh umbrella na chois?

[Ruaraidh] So sluigidh seo an t-uisge an àrd. Nuair a chì thu an dath a’ dol rud beag nas soilleire mar sin tha fios agad gu bheil thu air an rathad cheart.

[Ruaraidh] Uill tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin am bonnach sin an ìre mhath. Tha mi dìreach a’ dol a roiligeadh seo a-mach an-dràsta. Tha e an urra riut fhèin dè cho tiugh ’s a tha thu ga iarraidh ach cuimhnich, ma tha e tiugh bidh e nas fhaide san àmhainn. Ach tha mise ga iarraidh meadhanach tana, ’s dòcha, chan eil fhios a’m, dìreach mar sin, còig millimetre.

[Ùisdean] So uill ged as e pastrami a tha sinne a’ dèanamh an-diugh bha e cumanta gu leòr. Bha daoine a’ dèanamh tòrr sailleadh air feòil.

[Ruaraidh] Ò bhiodh. Bha daoine beò air feòil shaillte tron gheamhradh, aidh.

[Ùisdean] ’S e sin a dh’fheumadh iad. Bhiodh m’ athair, bhiodh e a’ dèanamh feòil rèisg. Bha e uabhasach math.

[Ùisdean] Bhiodh e a’ dol ann an salann, feòil-chaora, ach bhiodh e a’ dol ann an salann ’s an uair sin bhiodh e a’ dol suas dhan lobht airson a thiormachadh ’s bha ... Cha robh daoine a’ cur, nàdar, value sam bith air an seo.

[Ruaraidh] Cha robh.

[Ùisdean] Bha e fair a’ smaoineachadh gur e fair rud a dh’fheumadh iad a dhèanamh ach ’s thig thu gu rìoghachdan eile ’s tha iad, An Roinn Eòrpa ’s sin, ’s tha a h-uile seòrsa feòil aca ...

[Ruaraidh] Tha.

[Ùisdean] ... air a dhèanamh ann an cure, ann am picil ’s sin, ’s tha e fair, tha daoine ...

[Ruaraidh] Tha còir againn a dhol air ais dhan sin ...

[Ùisdean] Tha.

[Ruaraidh] ... seach pacaidean a bhith agad anns an fhrids de rud mì-chàilear.

[Ruaraidh] Tha seo deiseil airson a dhol dhan àmhainn a-nist. Tha mi a’ dol a bhualadh a-steach.

[Ùisdean] Dè teas a tha an àmhainn?

[Ruaraidh] Tha àiteigin eadar one thirty agus one fifty, nì e a’ chùis, ach mar as trice ’s e an t-sròn a dh’innseas dhut nuair a tha seo deiseil.

[Ùisdean] Air neo an smoke detector.

[Ruaraidh] No smoke detector.

[Ùisdean] Aidh.

[Ruaraidh] Bidh e uair a thìde co-dhiù, chanainn.

Chaidh am prògram seo, Seòid a’ Chidsin, a chraoladh an toiseach ann an 2017.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!