FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Vikings’ diet Daithead nan Lochlannach

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Annlan Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Annlan

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Daithead nan Lochlannach

[Preseantair] Bornais, Uibhist a Deas. Tha an làrach seo air an uabhas innse dhuinn mu dheidhinn daithead nan Lochlannach. A chionn ‘s gun robh na bailtean beaga aca air an togail air a’ mhachaire, a bharrachd air tuathanas agus sealg, bha iad cuideachd ris an iasgach. Am measg na chaidh a lorg eadar cnàmhan chaorach, a’ chruidh is fèith, fhuairear cnàmhan èisg an seo, fiù ‘s cnàmhan beaga mìn an sgadain.

[Coinneach MacGill-Eain] Tha iasg uabhasach fhèin cudromach airson daoine gu h-àraidh nuair a bha e doirbh dhaibh feòil sam bith eile fhaighinn. Gu h-àraidh anns a’ gheamhradh, bha an t-iasg uabhasach fhèin cudromach dhaibh. Sgadan nam measg. Bha sgadan pailt, uabhasach lìonmhor aig aon àm, agus feumaidh gun robh e gu math cudromach dhaibh mar a bha am bradan cuideachd.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!