FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Hitting the drink A’ dalladh air òl

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Sgrudaire. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Sgudaire

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

A’ dalladh air òl

[Ruairidh] An-diugh, tha mi gu bhith sgrùdadh am bi daoine òga ag òl cus, no am bi iad ri “binge drinking” mar a thathas ag ràdh sa chainnt eile. Carson a tha seo? An e rud cultarail a th’ ann, no an e dìreach gur e pàirt de bhith a’ fàs suas? Tha mi a’ dol a dh’fheuchainn ri sin faighinn a-mach an-diugh fhèin.

[Ceitidh] Tha mi a’ smaoineachadh binge drinking, no a bhith ag òl cus, ’s e nuair nach eil, fhios agad, nuair nach eil thu ag òl rud sam bith fad na seachdain…

[Shannon] Yeah.

[Ceitidh] No tha rud beag no dìreach...

[Shannon] Ach an uair sin tha iad ag òl tòrr aig an deireadh.

[Ceitidh] Aig an deireadh-seachdain, yeah.

[Shannon] Tha mi a smaoineachadh nuair a tha thu a’ cumail a’ dol airson làithean is làithean, ... sin binge drinking. Ach an uair sin bha mi ag ràdh, air a’ chùrsa agam bha iad ag ràdh ma bha dà ghlainne fìona agad Dihaoine is dà ghlainne fìona agad Disathairne, ’s e binge drinking a tha sin.

[Ceitidh] OK.

[Shannon] A thaobh na units agad.

[Ceitidh] Right.

[Shannon] So tha mi a’ smaoineachadh gu bheil ...

[Ceitidh] Chan e tòrr ann a shin, an e?

[Shannon] No, chan e idir. So tha mi a’ smaoineachadh...

[Shannon] Tha fhios a’m. Mise a’ dèanamh sin gach seachdain.

[Eilidh] ’S e dìreach rud a th’ ann a bhios daoine òga a’ dèanamh, gu math òg cuideachd, mar a’ tòiseachadh aig aois ceithir deug no còig deug, bidh a h-uile duine ag òl, agus sin dìreach mar a tha e.

[Shannon] Tha cuimhne agam, bha pàrant air an robh mi ag obair còmhla ri thairis an t-samhraidh, bha e a’ faighneach seo, bha e ag ràdh, “ò, balaich aig na parties a-nis, agus tha deoch làidir ann, agus tha i, tha i dìreach, tha nighean agam tha i dìreach sia deug”, agus bha mise ag ràdh “uill, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin ’s dòcha air a bhith a’ tachairt airson ùine mhòr a-nis ... “

[Ceitidh] ’Son bliadhna no dhà!

[Shannon] “... is tha i dìreach air innse dhut!”

[Hamish] Dhòmhsa, tha mi a’ smaoineachadh, ’s e a th’ ann a bhith ag òl cus ... chan e dìreach a bhith ag òl cus ach nuair a tha thu a’ fàgail an taighe, tha làn-chreid’ agad g’ ’eil smùid a’ dol a bhith ort aig deireadh na h-oidhche. ’S e sin a tha thu ag iarraidh. Sin an adhbhar a tha thu a’ dol a-mach, fhios agad?

[Jamie] Airson a bhith a’ faighinn air an deoch.

[Hamish] Seadh, yeah. So chan e gu bheil thu dìreach ag òl pinnt no dhà ann an suidheachadh sòisealta; tha thu ag iarraidh a bhith blotto.

Chaidh am prògram seo, An Sgrudaire, a chraoladh an toiseach ann an 2018. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!