FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The fish van Carbad nan iasg

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Annlan Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Annlan

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Carbad nan iasg

[Preseantair] Aig aon àm ann am Bàgh a’ Chaisteil, bha uimhir de bhàtaichean ann ‘s gun b’ urrainn do dhuine coiseachd, bho aon ceann dhen Bhàgh dhan cheann eile gun cas a chur faisg air uisge.

[Preseantair] San latha an-diugh, chan eil ach dhà no trì bhàtaichean ag iasgach a-mach à Barraigh airson an sgadain, ‘s na h-iasgairean an seo mar a tha a’ mhòr-chuid de dh’ àiteachan eile a’ dèanamh am beò-shlàint ag iasgach a’ mhaoraich.

[Preseantair] Tha an t-àite seo a-nis a’ crochadh air am beagan sgadain a gheibh iad tighinn à margaidhean air tìr-mòr, ‘s gun ach duine no dithis a tha a’ reic an èisg air an Eilean.

[Raghnall Caimbeul] Tha mi cinnteach gu bheil an sgadan cho saor ri biadh a gheibh thu. Chan fhaigh sinn gu leòr dheth. Ceannaichidh iad na gheibh sinn. Nam biodh e na b’ fhasa fhaighinn, bhiodh e na b’ fheàrr , chan eil an uimhir ag iasgach air a shon san àite ‘s a b’ àbhaist, ‘s tha e nas duilghe fhaighinn.

[Raghnall Caimbeul] On a bha sinn òg, cha robh ann ach rud a bhiodh thu ag ithe, chùm sinn ris cha chreid mi. Nuair a tha an sgadan agamsa sa bhan, bidh mi gu math nas trainge na nuair a bhios iasg geal agam, nam biodh agam ach iasg geal.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!