FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Alannah’s views on students and alcohol Na beachdan air Alannah air oileanaich agus deoch làidir

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Sgrudaire. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Sgudaire

(Originally added to Watch Gaelic in 2017.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2017.)

Video is playing in pop-over.

Na beachdan air Alannah air oileanaich agus deoch làidir

[Ruairidh] Tha e math cothrom fhaighinn cluinntinn air dhaoine eile, agus leis gum bi sinn an còmhnaidh a’ cluinntinn mun oileanaich agus deoch làidir, tha mi a’ dol a thachairt ri tè anns a’ cheathramh bliadhna gus an cluinn sinn mu na bhios gu fìrinneach a’ dol anns an oilthigh.

[Ruairidh] Dè a-nis do bheachd air na bhios na meadhanan ag ràdh is a’ sgrìobhadh mun t-seòrsa cultair a tha sin a th’ ann aig iomadh oilthigh a th’ ann air feadh na dùthcha?

[Alannah] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil na meadhanan, you know, tha iad a’ coimhead air mar nach e rud math a th’ ann. Agus, ann an dòigh, you know, chan e rud math a th’ ann ‘son a h-uile duine. Bidh daoine a’ dol, ag òl cus, bidh daoine a’ sabaid, is iad, is an deoch orra. Ach, yeah, tha daoine cuideachd a’ smaoineachadh, you know, ma tha thu aig an oilthigh, ’s ann airson studaidh a tha thu ann. Cha bu chòir dhut a bhith a-mach, sin na bha mo mhàthair a’ smaoineachadh; “A-mach a-rithist! Ciamar a leughadh na leabhraichean sin?”. Tha balance ann ann an dòigh.

[Ruairidh] A bheil thu a’ smaointinn gu bheil loidhne ann do dhaoine òga, ge-tà. A bheil cunnart ann gum bi daoine òga gu h-àraid ag òl cus agus ro chunbhalach cuideachd?

[Alannah] Chan eil fhios a’m. Tha mi a’ smaoineachadh, airson a’ mhòr chuid den ùine, gu bheil daoine òga ciallach gu leòr, is tha fhios aca aig deireadh an latha nach mairidh seo, nach bi iad nan oileanaich fad nam beatha, gu bheil, aig deireadh an latha, bidh aca ri obair fhaighinn is beatha ceart ciallach a bhith aca. Ach airson cuid de dhaoine, tha iad dìreach, tha iad a’ dol dhan oilthigh agus tha iad a’ dol dha na pàrtaidh seo agus, tha iad dìreach, tha e a’ ruith air falbh leotha. Agus tha mi eòlach air daoine a tha air an oilthigh fhàgail oir bha iad dìreach a’ dol gu parties cus.

Chaidh am prògram seo, An Sgrudaire, a chraoladh an toiseach ann an 2018. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!