FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fiona in conversation with Donald Iain Brown Fiona ann an còmhradh ri Dòmhnall Iain MacIlleDhuinn

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Nochd Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Nochd

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Fiona ann an còmhradh ri Dòmhnall Iain MacIlleDhuinn

Fiona] Ma tha duine agaibh eòlach air Dòmhnaill Iain MacIlleDhuinn agus gu bheil sibh air fhaicinn thairis air na mìosan a dh’fhalbh, tha deagh theans ann gun robh e feuchainn ri tiocaid raffle a reic ribh. Sin dìreach aon dhe na h-obraichean a tha air a bhith aige mar charaiche air a’ chomataidh a tha air a bhith ag ullachadh airson Mòd Ghlaschu.

[Fiona] Fàilte oirbh a Dhòmhnaill Iain. Ciamar a tha na mìosan air a bhith suas chun an seo?

[Dòmhnall Iain] Uill, tha iad air a bhith gu math trang, chanainn. Tha sinn air a bhith a’ feuchainn ri a h-uile rud a chur air dòigh is gun tig muinntir na Gàidhealtachd is muinntir na Ghalltachd gu Glaschu agus gum bi deagh ùine aca mar thig iad an seo.

[Fiona] Eil thu a’ smaoineachadh gu bheil eadar-dhealachadh ann nuair a tha Mòd ann am baile mòr mar ann an Glaschu, an taca ri baile beag?

[Dòmhnall Iain] Uill, tha tòrr a bharrachd riaghailtean ann am baile mòr seach na tha ann am baile beag! Agus mar sin, dhuinne, mar a’ chomataidh ionadail, tha tòrr a bharrachd obair agam... againn, tha mi a’ smaoineachadh, a thaobh sin. Ach chan eil mi ag ràdh g’ eil e nas fhurasta na baile beag nas motha. Tha e gu math duilich a bhith a’ cur air dòigh a’ Mhòid air sàilleibh ’s e rud mòr a th’ ann; tha na mìltean de dhaoine a’ tighinn agus feumaidh a h-uile rud a bhith ullaichte.

[Fiona] ’S e rud gu math prìseil a th’ ann cuideachd dha na daoine a bhios a’ dol chun a’ Mhòid, nach e. A bheil thu a’ faireachdainn nàdar de dh’uallach ort gum feum a bhith dìreach ceart dhan fheadhainn a’ dol ann is an fheadhainn a tha air a bhith a’ dol ann bho chionn ùine?

[Dòmhnall Iain] Uill tha, air sàilleibh ’s e rud prìseil a th’ ann, eh, agus ’s e rud prìseil tha mi a’ smaoineachadh dhan … dhan mhòr-shluaigh a th’ ann, eh, Mòd, agus gu bheil sin ga chumail mar bu chòir dha a bhith, agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil e cho làidir, cho math ’s as urrainn dha a bhith. Tha sinn a’ feuchainn ri rudan ùr a thoirt a-staigh cuideachd, air sàilleibh ’s, eh, anns an t-saoghal anns a bheil sinn beò, feumaidh sinn cùisean a ghluasad air aghaidh, agus a tha sinn a’ feuchainn a dhèanamh cuideachd. Agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sinn air, eh, measgachadh, deagh mheasgachadh fhaighinn eadar … eadar an dà rud, chanainn.

[Fiona] Is tha thu air a bhith an sàs anns na Mòdan airson iomadach bliadhna, ach tha thu air a bhith a’ seinn cuideachd agus a’ farpaiseach. Dè na h-eadar-dhealaichidhean a tha eadar a bhith an sàs anns an taobh seo dheth, no a bheil e nas duilghe? Dè as duilghe?

[Dòmhnall Iain] Uill, chan eil e furasta a bhith nad fharpaiseach, agus tha mi a’ smaointinn... tha thu a’ dèanamh tòrr ullachadh airson a’ Mhòid agus tha mi a’ smaoineachadh gun... sin an rud nach eil daoine a’ faicinn, gu bheil daoine a tha a’ dol a-staigh, can, airson na buidhinn agus airson na farpaisean mòra a mar sin; tha iad ag ullachadh fad bhliadhna. Is mar sin ’s e rud mòr a th’ ann, eh, a bhith ag ullachadh airson a’ Mòid. Ach a bhith ga ullachadh airson, Mòd a‘ tighinn dhan bhaile, ’s e obair mhòr mhòr mhòr a th’ ann.

[Fiona] ’S e. ’S e.

[Dòmhnall Iain] ’S e obair mhòr a th’ ann. Agus chan eil mi a’ dol a ràdh ri duine sam bith nach e obair mhòr a th’ ann. Tha sinn an dèidh a bhith ag obair air a seo bhon a fhuair sinn a-mach gun robh sinn a’ faighinn a’ Mhòid bho chionn ceithir bliadhna air ais, agus a-nist tha e a’ ciallachadh e gum feum a h-uile rud a bhith ceart.

[Fiona] Uill, tha tuilleadh uallach oirbh a-nochd…

[Dòmhnall Iain] Tha fhios a’m!

[Fiona] …gu mi fhortanach leis na cairtean a tha seo mu mo choinneimh. Tha mi a’ toirt dhut dà thaghadh, agus ma thaghas tu feadhainn dhe na cairtean faighnichidh mi ceist air a’ chairt a tha sin. Dà rud air a bheil thu gu math eòlach air seo: “rèidio” no “TBh”.

[Dòmhnall Iain] Dè thèid sinn air a shon? An tèid sinn airson… rèidio.

[Fiona] Nuair a tha rèidio agad air, dè bhios tu a’ dèanamh ma chluinneas tu fèin air an rèidio? Am biodh tu ga chur suas no ga chur dheth?

[Dòmhnall Iain] Bidh mi ag èisteachd ris is bidh mi ag ràdh rium fhìn “carson a rinn thu siud?”

[Fiona] Aww! Is cinnteach nach eil sinn fìor, is tu air a bhith a’ dèanamh cho math ris an t-seinn.

[Dòmhnall Iain] Uill tha thu daonnan… tha thu daonnan a’ coimhead ort fhèin, tha mi cinnteach gum bidh thu fhèin a’ dèanamh a’ cheart rud ma tha thu a’ coimhead air prògraman ag ràdh “ò carson a dh’fhaighnich mi a’ cheist a bha sin”, no “carson nach do rinn mi siud?”. Ach, ag ràdh sin, aig amannan, ’s dòcha gum bi mi ga chur dheth aig amannan, is s’ dòcha gun can mi “ò uill, bha siud alright”.

[Fiona] Tha cuimhne a’m aon turas anns a’ chàr is an rèidio agam air agus chuala mi an t-òran a tha seo le còmhlan, agus bha mi a’ smaoineachadh “ò ’s caomh leam an t-òran sin. Cò a th’ ann a-rithist?” - còmhlan anns an robh mi fhìn an sàs! Cha robh càil a chuimhne agam air an òran.

[Fiona] Dè a-nis nuair a tha thu ag èisteachd ri rèidio, dè seòrsa rudan as caomh leat a bhith ag èisteachd ris, no dè seòrsa ciùil a tha a’ còrdadh riut?

[Dòmhnall Iain] ’S toigh leamsa rud... rud le ceòl. Tha e prionnsabalach dhòmhsa gu bheil ceòl ann, agus gu bheil fonn ann, agus gun urrainn dhut am fonn a tha sin a leantail mar gum biodh. Chan eil mi builleach cho... cho toilichte a bhith ag èisteachd ri rudan far a bheil thu ag ràdh riut fhèin “ca‘ bheil siud a’ dol? Carson a tha iad ga dhèanamh?”. So, bidh mi ag èisteachd ri ceòl… ceòl as toigh leam, ceòl a tha a’ toirt orm smaoineachadh, no rudeigin mar sin.

[Fiona] Glè mhath. Nise, a’ dol a ghluasad gu “uisge” no “grian”?

[Dòmhnall Iain] Eh... uisge.

[Fiona] Uisge. An do dh'adhbhraich e trioblaidean sam bith dhut a bhith a’ fuireach air eilean?

[Dòmhnall Iain] Uill an aon trioblaid a dh’adhbhraich e nach urrainn dhomh snàmh, no chan eil mi math air snàmh.

[Fiona] Ò! Trioblaid mhòr a tha sin! Uill dh’fhaodadh e a bhith.

[Dòmhnall Iain] Uill, air sàilleibh ’s mar a bha sinne òg chaidh e a ràdh rinn “feuch nach tèid sibh faisg air an uisge air sàilleibh ’s tha e cunnartach”. Agus, leis a sin, cha do dh’ionnsaich mise snàmh gus an tàinig mi gu tìr-mòr, agus fiù ’s chan eil mi cho math sin air.

[Fiona] Tha mi a’ smaoineachadh gun robh tòrr dhen a sin ann …

[Dòmhnall Iain] tha mi mar ròn mòr anns an uisge.

[Fiona] … ann an daoine, nach robh, nach … nach deidheadh iad faisg air an uisge is cus eagal orra.

[Dòmhnall Iain] Uill tha an t-eagal ormsa cuideachd, air sàilleibh bidh sinn air làithean saora is bidh a’ chlann ag ràdh “leum a-staigh dhan, dhan … dhan phool” agus cha leum! Tha an t-eagal orm!

[Fiona] Cà ’eil na armbands?! Agus a tha fios a’m tha tòrr dhaoine deidheil air surfing no bidh tòrr dhaoine a’dol a Thiriodh airson surfing. An do dh’fheuch thu fhèin e a-riamh?

[Dòmhnall Iain] Cha do dh’fheuch. Cha do dh’fheuch riamh. Air sàilleibh ’s thòisich surfadh dìreach mar a dh’fhàg mise an t-eilean, agus mar sin cha d’ fhuair mise an cothrom. ’S e sin an rud a bhios mi ag ràdh cò dhiù.

[Fiona] Agus an deigheadh tu air ais, eil thu a’ smaoineachadh, a bhith…

[Dòmhnall Iain] A dh’fhuireach?

[Fiona] Uh-huh.

[Dòmhnall Iain] Ehhh… cha rachainn. Cha rachainn. Rachainn air ais ’s dòcha airson trì mìosan, no ceithir mìosan, no sia mìosan, ach tha daoine an còmhnaidh a’ smaoineachadh “ò nach biodh e math, nach biodh e brèagha nan rachainn dhachaigh no… no gum bithinn a’ fuireach”. Tha geamhradh gu math fada, anns na h-eileanan…

[Fiona] Tha gu dearbha.

[Dòmhnall Iain] Agus chan eil daoine a’ tuigsinn sin. Nam bheachd-sa.

[Fiona] Uill cha ghluais sinn às a-riamh, tha mi a’ smaoineachadh. Tha mise… tha mise… gu math toilichte nam eileanach, feumaidh mi a ràdh.

[Dòmhnall Iain] A bheil thu a’ smaoineachadh?

[Fiona] Tha! Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil.

[Dòmhnall Iain] Tha mise a’ smaoin… tha! Ghluaisidh tu aig àm air choireigin.

[Fiona] “Bogsa” no “Gun Bhogsa”?

[Dòmhnall Iain] Gun bhogsa.

[Fiona] Gun bhogsa. Dè an còmhlan-ciùil a tha thu a’ smaoineachadh a gheibheadh buannachd bho bhogsa a bhith aca? Lewis Capaldi does Cèilidh, ’s dòcha?

[Dòmhnall Iain] Eh… tha mi a’ smaoineachadh gun dèanadh e e.

[Fiona] Uh-huh?

[Dòmhnall Iain] Tha mi a’ smaoineachadh gun dèanadh e e, air sàilleibh ’s tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e èasgaidh gu leòr, agus gum biodh e… gum feuchadh e rudeigin mar sin. Air sàilleabh ’s bha mise a’ smaoineachadh dè mu dheidhinn nan tigeadh Lewis Capaldi chun a’ Mhòid?

[Fiona] Agus dè mu dheidhinn, tha do bhràthair a’ cluiche ann an còmhlan nach eil?

[Dòmhnall Iain] Tha.

[Fiona] A bheil thu fhèin a’ cluiche ionnsramaidean?

[Dòmhnall Iain] Uill, ’s e rud a th’ ann, bha bogsa aigesan, agus chan fhaigheadh duine sam bith eil faisg air.

[Fiona] Ò.

[Dòmhnall Iain] Agus bha seann phiàna againn aig an taigh, ach cha b’ urrainn dhut… chan fhaigheadh tu [? ach] brag aiste air sàilleibh ’s bha e cho uabhasach air... ann an gleus… taobh… a’ dol a-mach à gleus. Agus cha d’ fhuair mise cothrom ionnsramaid mar sin ionnsachadh.

[Fiona] Nam biodh tu a’ dol a thagh ionnsramaid, dè an fhear a thaghadh tu airson…

[Dòmhnall Iain] Am piàna. Am piàna. Agus sin an rud tha mi a’ dol a dhèanamh mar a dh’fhàgas mi m’ obair tha mi a’ dol a dh’ionnsachadh a’ phiàna a chluich. Tha mi a’ dol a dhol chun, gu aon dhe na àiteannan residential a tha sin, agus tha mi a’ dol a chur seachad sia mìosan ag ionnsachadh a’ phiàna.

[Fiona] ’S dòcha gur e sin an ath-rud ma-thà — co-fharpais anns a’ Mhòd airson piàna. Tha sin …

[Dòmhnall Iain] Uil tha farpais ann airson piàna …

[Fiona] Ò a bheil? Airson … ?

[Dòmhnall Iain] Chan eil e airson inbhiche.

[Fiona] Ah.

[Dòmhnall Iain] Agus chanainn, cha phasaiginn airson cuideigin a tha sia bliadhna deug. Dè do bheachd?

[Fiona] Ò chan eil fhios a’m, chan eil fhios a’m. Tha thu gu math cruaidh ort fhèin. Uill tha mi ’n dòchas gun tèid a h-uile gu math leibhse, mìle taing airson tighinn a chèilidh oirnne.

[Dòmhnall Iain] Tapadh leibh son m‘fhaighneachd.

Chaidh am prògram seo, Nochd, a chraoladh an toiseach ann an 2019. Taing do Bees Nees

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!