FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The coves meet pig farmers Tha na Seòid a’ coinneachadh ri tuathanaich mhuc

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Seòid a’ Chidsin (The Kitchen Coves) Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Seòid a’ Chidsin

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Tha na Seòid a’ coinneachadh ri tuathanaich mhuc

[Ruaraidh] Uill a laochain, tha sinn ann a sheo anns an Dùn.

[Ùisdean] Tha gu dearbh.

[Ruaraidh] Far an d’ fhuair thu d’ àrach òg. An e seo an dachaigh agad ma-thà?

[Ùisdean] Chan e gu dearbh! Is ann an sin a bhios sinn a’ glasadh an àird na Hearaich grànda a bhios a’ goid na caoraich againn.

[Ruaraidh] Ist, chan eil càil tarraingeach ann a sheo do Hearach sam bith! Dè tha sinn a’ dol a dh’fhaighinn as an sgìre seo ma-thà? Dè tha ri fhaotainn?

[Ùisdean] Dè tha ri fhaighinn ann a seo? An fheòil as fheàrr a gheibh thu. Feòil-mhairt, feòil-caora feòil muice.

[Ruaraidh] Okay ma-thà, tiugainn.

[Ùisdean] Thugainn ma-thà.

[Ùisdean] Ach a-nis bhalachaibh.

[Ruaraidh] Tha sibh ann, a bhalachaibh.

[Croitear] Tha sibh ann a sheo?

[Croitear 1] A’ feed-adhadh nam beathaichean.

[Croitear 2] A’ feed-adhadh nam beathaichean.

[Ruaraidh] Dè an seòrsa mucan a th’ againne ann a sheo ma-thà?

[Croiter 1] Gloucester Old Spot crosses. Tha iad glè mhath airson an àite seo.

[Ùisdean] ’S tha iad math airson ithe cuideachd.

[Croitear 1] Tha gu deimhinn dhut. ’S iomadh bliadhna a th’ againn nan ithe is tha iad gu math milis.

[Croitear 2] Seach nach eil a’ bhean agam ag ithe feòil chan fhaod mise an n-ithe a bharrachd.

[Croitear 1] Chan eil a’ bhean agams’ ag ithe feòil ach chan eil chan eil sin a’ cur stad sam bith ormsa gan n-ithe! Tha, tha iad math dha-rìribh. ’S iad a bha agam fhìn, chan eil gin agam an-dràsta. Tha dùil a’m tòiseachadh leotha a-rithist.

[Ùisdean] Ach mar a tha sibh a’ coimhead às-dèidh nam beathaichean cuideachd, tha sin ... tha sin a’ dèanamh diofar mòr dhan ... dhan bhlàs a’ feòil is ... fèir man a tha na beathaichean beò.

[Croitear 1] Tha gu cinnteach. Airson tha iad free range.

[Croitear 2] Tha iad free range.

[Ruaraidh] Am bi sibh a’ fàs rudeigin attached ri na beathaichean? Tha ainmean agaibh dhaibh ’s a h-uile càil.

[Croitear 2] ’S e Florence a tha air an tè mhòr. ’S e a’ bhean agam a thug sin orra, Florence. ’S e Sweeny a th’ air an tèile. Feumaidh a bhith gu robh ... gur ann à Nis, tha mi a’ smaoineachadh.

[Ruaraidh] Agus dè a tha thu a‘ toirt dhaibh ann a shin, Seonaidh?

[Croitear 2] Tha seo fèir na nuts, agus sinn a‘ ceannach iad air an dèanamh fèir a dh'aona gnothaich airson nam mucan fhèin. Tha vitamins agus soya agus ola is rudan mar sin na measg. Agus bidh mi a‘ toirt dhaibh ... a’ cur ris an fheur agus stràbh. Ach tha iad a-mach agus a-steach às an t-sabhail fèir mar a tha iad ag iarraidh.

[Ruaraidh] Agus dè cho eadar-dhealaichte `s a tha a’ feòil seo an taca ris an stuth a tha sinn a’ faicinn anns na bùithtean mòra?

[Croitear 1] The e tòrr nas firme nuair a thèid thu thu na ghearradh sa is a h-uile càil. Agus gheibh thu crackling tòrr nas fheàrr tha far an do gheibheir as a’ bhùth airson...

[Ùisdean] ’S tha blas tòrr nas fheàrr dhi.

[Croitear 1] Tha e a’ dèanamh eadar-dhealach’.

[Ruaraidh] On a dh’ainmich thu crackling ann a shin tha mo mhionaich a’ tòisichinn a’ rùcail.

[Ùisdean] Ah uill, an ath-rud an uair sin crackling.

[Ruaraidh] Nach feuch sinn rudeigin a dhèanamh le pork.

[Ùisdean] Tha e cho math, nach eil?

[Ruaraidh] Tiugainn ma-thà.

[Ùisdean] Tiugainn ma-thà.

[Ruaraidh] Tapadh leibh, a bhalachaibh!

[Ùisdean] Tìors

[Croitear 1] Glè mhath.

[Croitear 2] Tìoraidh an-dràsta ma-thà.

[Croitear 2] Feuch am fàg sibh bìdeag againn! Dhe na crackling!

Chaidh am prògram seo, Seòid a’ Chidsin, a chraoladh an toiseach ann an 2018.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!