FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Equality between the genders Co-ionnanachd eadar na gnèithean

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Sgrùdaire. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Sgùdaire

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Co-ionnanachd eadar na gnèithean

[Ruairidh] Carson a tha mi ag iarraidh gender quotas a sgrùdadh? Do mhòran, ’s e rud gu math bunaiteach is cudromach a th’ ann an co-ionannas eadar na gnèithean. Ach an dòigh as fheàrr sin ruigsinn, ge-tà, ’s e ceist eile a tha sin.

[Ruairidh] Tha mòran dhe na bheachd gu bheil feum againn air gender quotas a chleachdadh gus an dèanamh cinnteach gun ruig sinn sin, ach ’s e ceist gu math connspaideach a th’ ann. Aig deireadh an latha, a bheil boireannaich gu fìrinneach feumach air quotas is an obraichean adhartas eile a ruigsinn?

[Ruairidh] Leis gur e cuspair a tha seo a tha a’ beantainn ri leth phàirt dhen t-sluagh, agus e puing a tha a h-uile neach ag iarraidh ruigsinn anns an àm a tha ri teachd, bu toigh leam-sa cluinntinn on dà thaobh.

[Eilidh] ’S e nuair a bhios mar chompanaidh mhòr, em, a’ feuchainn ri bhith a’ toirt obair do an aon àireamh de bhoireannaich agus fhireannaich, gus am bi, mar, cho-ionnanachd ann.

[Cailean] ’S e dìreach, tha mi a’ smaointinn tha barrachd nigheanan a’ falbh dhan oilthigh na tha gillean a-nist, agus tha mi a’ smaointinn ged as e bha àm ann nuair a bha fir os cionn a h-uile rud, chan eil mi a’ smaointinn gu bheil sin buileach fìor an-drast’. Tha cùisean air a bhith ag atharrachadh airson ùine glè fhada a-nist, agus tha mi a’ smaointinn gun cum sin air a bhith ga atharrachadh.

[Shannon] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e math... gu math cudromach gu bheil boireannaich ann a tha ann an obraichean àrd airson... gu h-àraid airson nigheanan òg’. Tha mi a’ smaoineachadh gur e deagh, em, modal a th’ ann dhaibh.

[Zach] Tha feum againn fhathast a bhith ag obair airson co-ionnanachd a ruigsinn. Chan eil gu-leòr boireannaich againn ann an suidheachaidhean àrd aig companaidhean mòra.

[Lana] Mar bhoireannach nuair a tha mi a’ cluinntinn daoine ag ràdh nach eil... nach eil boireannaich a cheart cho... cho glic no chan eil an uiread de thàlant aca no chan eil iad freagarrach airson an obair... chan eil mi ga thuigsinn.

Chaidh am prògram seo, An Sgrùdaire, a chraoladh an toiseach ann an 2018. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!