FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gregor's iced buns Na bonnaich chòmhdaichte aig Griogair

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Na bonnaich chòmhdaichte aig Griogair

[Griogar] Cheannaich mise na bonnaich a tha seo ann am bùth turas no dhà is cha do chòrd iad rium, ach tha mi air a bhith gan dèanamh mi fhìn a-nis agus tha iad fada nas fearr.

[Griogar] Agus airson tòiseachadh tha mi a’ dol a chur dà cheud gu leth grama flùr plain tro shìoltag. Agus cuideachd dà cheud gu leth grama flùr làidir. Tha mi fèir a’ dol a dhèanamh toll anns a’ mheadhan, agus nì sinn mar a tha sibh a’ dèanamh mar as àbhaist fèir a’ cur a’ bheirm gu aon thaobh.

[Griogar] Tha pacaid slàn de bheirm agam, agus cuideachd tha dà spàin-teatha salainn a’ dol chun taobh eile. Agus cuideachd tha dà spàin mhòr siùcar. Agus a-steach cuideachd tha aon ugh. Leth cheud grama ìm a tha caran bog cuideachd.

[Griogar] Nise, fèir a’ cleachdadh an spàin fiodha a th’ agam ann a sheo tha mi fèir a’ dol a thoirt a h-uile càil ri chèile. Agus ris a sin tha mi a’ dol a chur ceud gu leth milleliotair dha bainne ris. Agus tha am bainne a tha sin tha e cha mhòr blàth.

[Griogar] Tha mi ag obrachadh na taoise fad deich mionaidean no cairteal na h-uarach gus am bi i mìn. Tha mi an uair sin ga cur ann am bobhla ris an do shuath mi ola, a’ cur cling film air uachdar agus ga fhàgail ann an àite blàth ’son uair a thìde, no gus am bi meudachd an cnap-taoise air dùblachadh.

[Griogar] Seo a-nis. Agus e fhathast gu math bog.

[Griogar] Nise, nì sinn leth dheth an toiseach. Is tha fios againn an uair sin gum faigh sinn sia a-mach às gach taobh.

[Griogar] Ceithir... còig... sia. Agus tha sinn fèir a’ dol gan roiligeadh an àird is gur e cha mhòr sausage a th’ againn.

[Griogar] Tha sinn gan iarraidh air an treidhe againn faisg gu leòr. Cha mhòr centimetre no mar sin. Seo a-nis. Tha dusan agam an seo a-nis. Tha sinn airson gum fàs iad cha mhòr dhà uimhir a-rithist. Nise tha mi airson fèir a dol chur beagan ola air an cling a bh’ agam aig an toiseach. Agus tha iad a seo a-nis, is ann an àite blàth airson trì cairteal na h-uarach gu uair a thìde.

[Griogar] Tha iad seo a-nis air fàs mòr anns a’ bhlàths san rùm a tha seo. Is iad deiseal airson an àmhainn. Thig iad dhan an àmhainn airson ’s dòch’ còig deug mionaidean aig ceud is ochdad Celsius.

[Griogar] Fàgaidh mi na bonnaich a’ fuarachadh mus lìon mi iad le silidh sùibh-làir agus barr air a bhualadh. Cuiridh mi an uair sin còmhdach pinc orra; measgachadh de ceithir ceud grama siùcar còmhdaich, trì no ceithir spàine de bhùrn agus boinneag no dhà de dhath-bìdh dearg.

[Griogar] Sìos ann an oner!

[Griogar] Ah, sin math. Tha an t-aran a tha sin cho bog. Mmm. Tha a h-uile càil a-staigh a sin, ’s caomh leam a h-uile càil a th’ ann.

Chaidh am prògram seo, Mach à Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2018. Le taing do Caledonia TV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!