FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A canal journey in a lifeboat Turas canàil ann am bàta-teasairginn

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Air a' Chanàl (On the Canal). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Air a' Chanàl

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Turas canàil ann am bàta-teasairginn

[Niall Iain] Tha ceithir prìomh canàllan ann an Alba agus, anns an t-sreath seo, bidh sinn a’ siubhal gach fear.

[Calum] Fhuair mi bràth gun cur rud no dhà iognadh oirnn agus gum bi dùbhlan no dhà ann cuideachd.

[Calum] Is mise Calum MacAmhlaigh.

[Niall Iain] Agus is mise Niall Iain Dòmhnallach. Agus, còmhla, tha sinne air a’ chanàl.

[Niall Iain] An t-seachdain sa, tha sinn a’ siubhal tarsainn na dùthcha bhon ear chun an iar air canàl a tha a’ ceangal dà bhaile eireachdail còmhla agus dà àmhainn cuideachd. Tro chanàl Foirthe agus Cluaidh.

[Calum] Bidh sinn a’ gabhail sùil air na h-eich-uisge iongantach.

[Calum] So how do we get off this platform?

[Bradley] Well, the quickest and easiest way is on these ropes…

[Calum] Ò, uill, tha mi an-fhoiseil!

[Calum] Agus Cuibhle na h-Eaglaise Brice a tha na mìorbhail.

[Niall Iain] Tha e a’ cur na mo chuimhne mar làmh famhair dìreach gu socair, gu faiceallach, gu slaodach ga leigeil sìos air ais dhan uisge.

[Calum] Ma stiùir sinn an uair sin air bàta caol-sa...

[Niall Iain] Captain MacDonald ann a sheo!

[Calum] ... a-steach gu meadhan baile Glaschu.

[Calum] Tha an canàl a’ ceangal am Foirthe anns an ear ris a’ Chluaidh anns an iar, a’ cruthachadh slighe-uisge maireannach.

[Calum] Tha sinn a’ tòiseachadh ar turas beagan mhìltean bho bheul a’ chanàl ann am Port nam Bànrighinn a Deas far a bheil Niall Iain air lioft fhaighinn ris an RNLI ionadail fo drochaidean cliùiteach am Foirthe.

[Niall Iain] Tha sinn dìreach a’ dèanamh cuairt mu chuairt na linne ann a sheo, fo na drochaidean agus a’ faighinn sealladh eadar-dhealaichte den a h-uile sìon, an seòrsa trèanaidh a bhios luchd-teasairginn a’ dèanamh gu tric, na comasan a th’aca a’ cumail geur.

[Niall Iain] Tha am bàta seo cho cumhachdach, mar a shaoileadh tu airson bàta a dh’fheumas cobhair a thoirt do dhaoine ann an èiginn agus nuair a tha sinn a’ dol aig an t-astar as luaithe, feumaidh mise grèim teann a chumail air m’ad.

[Niall Iain] Tha i luath. Tha i uabhasach luath.

[Niall Iain] ’S e stèisean-teasairginn glè thrang a th’ann. Bhon a dh’fhosgail e, ann an naoi ceud deug seasgan ’s a’ seachd, tha iad air faisg air dà cheud beatha a shàbhaladh agus cobhair a thabhainn do timcheall air trì mìle neach.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!