FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Herring and potato night Oidhche buntàta ‘s sgadan

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Annlan Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Annlan

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Oidhche buntàta ‘s sgadan

[Preseantair] Air feadh na Gàidhealtachd tha sinn cho measail air an sgadan,’s gu bheil sinn ga mholadh mar phàirt luachmhor do ar dualchas. An seo, an Ùige, Leòdhas, bidh iad a’ cumail oidhcheannan buntàta ‘s sgadan a’ toirt cothrom dhan coimhearsnachd tighinn còmhla airson deagh chèilidh is blas fhaighinn air an iasg phrìseil seo.

[Calum Moireasdan] Thòisich e airson airgead a chruinneachadh agus airson meanbh-choimhearsnachdan ùr a thogail ach bhon a chaidh a thogail sa bhliadhna mu dheireadh, tha sinn a’ cumail nan oidhcheannan a’ dol agus airson, gu sònraichte, airson a bhith a’ toirt cothrom dha daoine a thighinn a-mach agus coinneachadh ri daoine eile agus bidh oidhche mhath againne, biadh math agus ceòl agus dannsa son feadhainn, nas òige na mise.

[Calum Moireasdan] ’S e an aon dhòigh air am faic daoine, tha mi creidsinn, buntàta math agus sgadan agus sgadan Ghallain. Bidh feadhainn dhan sgìre fhèin, bidh iad a’ dol a-mach is bidh iad a’ glacadh an sgadain leotha fhèin, bhon Ghallain. Tha bradan againne cuideachd ach chan eil mi a’ dol a dh’innse dhut càite an d’ fhuair sinn am bradan.

[Duine] Tha an oidhche a tha seo glè chudromach dhòmhsa agus dhan h-uile duine a tha seo. Tha i a’ toirt a h-uile duine anns an sgìre ri chèile agus ‘s e oidhche mhath a th’ ann dhan h-uile duine againne.

[Boireannach] ‘S caomh leam sgadan agus bha e ri theagaisg dhuinn a-riamh gu robh e math dhuinn. Nan itheadh sinn tòrr sgadain gum biodh sinn clever anns an sgoil.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!