FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A car park? A milk park! Pàirc nan càraichean? Pàirc nam bainne

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Pàirc nan càraichean? Pàirc nam bainne

[Agnes] Tha mi an-diugh na mo sheasamh taobh a-muigh a’ thalla ann am Borgh. Talla Clann MhicGuaire, Clan MacQuarrie Centre mar a bhios againn oirr’, a chaidh a thogail bho chionn beagan ’s deich bliadhna. Chaidh i a thogail airson clubaichean de gach seòrsa a bhith a’ coinneachadh innte agus cuideachd tha bainnsean agus gnothaichean dhen t-seòrsa sin a bhith a’ dol air adhart innte. Tha gnothaichean àbhachdais agus toileachais agus is beag a bha dùil againn gum biodh e air a chleachdadh mar a thathas an-dràsta.

[Agnes] Tha mise an-diugh a’ togail bainne, bainne uain, airson peataichean a th’ againn bhon dheireadh-sheachdain agus tha mi gu math toilicht’ gu bheil an àite ann airson gu faigh mi air am bainne thogail bho bhàn an urrais a tha a’ lìbhrigidh an seirbhis do mhuinntir an t-àite, a’ tarraing gnothaichean bho bùth nan craitearan ann an Steòrnabhagh, ga fhàgail ann an seo, ann am pàirc nan càraichean.

[Agnes] Pàirc mhòr, mhath, fharsaing far an urrainn dha càraichean a bhith fa leth agus far am b’ urrainn dhan fheadhainn a tha a’ tighinn a dh’iarraidh na gnothaichean a’ cumail air leth.

[Agnes] Ach tha sinn nis a’ falbh dhachaigh, na botail a dhèanamh, agus na h-uain bheaga leis an t-acras - tha mi an dòchas gum bi iad air an dòigh nuair a thig mise an-dràsta le na botail.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!