FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Is every one of your days different? Adele's are A bheil a h-uile latha agad diofraichte? Tha aig Adele

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

A bheil a h-uile latha agad diofraichte? Tha aig Adele

[Adele] Halò! Is mise Adele. Tha mi air ais còmhla rim phàrantan. Tha sin air a bhith inntinneach… Cha robh mi ag iarraidh a bhith leam fhìn airson lockdown agus tha gàrradh aig mo phàrantan agus tha coin aca cuideachd. Say hello! Chan eil i a’ bruidhinn Gàidhlig. Seo an tè eile. Tha i an-còmhnaidh ag iarraidh am biadh agam.

[Adele] Nuair a chuala sinn gun robh lockdown gu bhith a' tachairt, rinn mise liost – Covid resolutions. Seo dhà no trì dhe na resolutions a th’ agam fhad 's a tha sinn ann an lockdown…

[Adele] Nis aon de na resolutions a bh’ agam air an liost ‘s e rudeigin non-fiction a leughadh. So tha mi air seo a leughadh mar-thà. Nuair a bha mi sgìth dhen leabhar sin, 's e seo na tha mi a' leughadh. Gu math èibhinn, Billy Connolly. 'S e na jokes as fhèarr aige so tha seo gu math èibhinn.

[Adele] Resolution a dhà: tha mise airson na splits a dhèanamh ann an trì sheachdainean. Chan eil mi comasach air na splits a dhèanamh, feumaidh mi sin ag ràdh, ach tha mi a’ feuchainn. Seo mise a' feuchainn ri na splits a dhèanamh… duilich. ‘S e seo na bhios mi a’ dèanamh a h-uile latha, madainn ’s oidhche, anns a’ ghàrradh. Resolution a trì: bidh mi a’ sgrìobhadh leabhar-latha a h-uile latha. Dìreach mu dheidhinn ciamar a tha mi a’ faireachdainn, dè tha a’ dol anns na naidheachdan, rudan pearsanta anns am beatha agam. Tha mi cinnteach nach bi cuimhne agam air a h-uile cùis a tha a’ dol an-dràst’ so bha mi airson rudeigin a sgrìobhadh airson a’ coimhead air ais air anns na bliadhnaichean ri tighinn oir ''s e àm gu math annasach 's gu math doirbh dhan a h-uile duine. Tha a h-uile latha diofaraichte.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!