FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What’s Dr Lewis Hughes’s work like at this time? Cò ris a tha obair Dtr Lewis coltach aig an àm seo?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Cò ris a tha obair Dtr Lewis coltach aig an àm seo?

[Dtr Lewis Hughes] Hàlo, is mise Lewis Hughes agus tha mi nam dhotair ag obair faisg air Glaschu.

[Dtr Lewis Hughes] Air latha àbhaisteach, bhiodh lèine cheart orm ach chan eil an-diugh o chionn ’s nach eil sinn a’ cur oirnn an aodach againn fhèin an-dràsta aig an obair againn.

[Dtr Lewis Hughes] O chionn ’s gu bheil mi ag obair ann an hospice , feumaidh sinn a’ dèanamh cinnteach gu bheil na patients againn sàbhailte.

[Dtr Lewis Hughes] Leis an t-suidheachadh seo a thaobh an bhìoras, feumaidh sinn a bhith a’ dèanamh cinnteach nach faigh sinne bhìoras ach a bharrachd air a sin, feumaidh sinn a’ dèanamh cinnteach nach gabhaidh sinn an bhìoras a-steach gu na patients anns an hospice.

[Dtr Lewis Hughes] Ged a bheil feum againn uile a bhith a’ cumail ris na riaghailtean a thaobh social distancing, feumaidh sinn a bhith nas faiceallaiche fhathast còmhla ri na patients againn o chionn ‘s gu bheil underlying health conditions aca mar cancer.

[Dtr Lewis Hughes] So le sin, feumaidh sinn a bhith a’ cur oirnn aodach nach eil air a bhith taobh a-mach an togalaich agus tha sinn a’ cur oirnn masks airson cuid den ùine cuideachd.

[Dtr Lewis Hughes] Tha e neònach masg bhith ort fad an latha agus mus tèid mi a-steach gu seòmar patient, tha mi a’ gabhail am masg dheth gus am faic iad cò tha a’ tighinn a-steach agus gum bi iad eòlach orm.

[Dtr Lewis Hughes] Tha e glè chuideachail gu bheil daoine a’ fuireach dhachaigh fhad ’s a tha seo a’ dol. Chan eil sibh dìreach gad chumail fhèin sàbhailte, ach sinne a tha ag obair an seo agus na patients againn. So mòran taing airson sin.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!