FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Alasdair's final exam An deuchainn mu dheireadh aig Alasdair

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Bean a' Mhinisteir Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Bean a' Mhinisteir

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

An deuchainn mu dheireadh aig Alasdair

[Preseantair] An t-Ògmhios dà mhìle ’s a dhà dheug agus latha mòr do Mhàiri agus Alasdair MacAmhlaigh. Tha dùil gun tèid Alasdair a dhearbhadh mar mhinistear san Eaglais Shaoir aig Coinneamh Clèir nan Eilean Siar. Às dèidh trì bliadhna sa cholaiste, aon deuchainn eile an-diugh. Toiseach beatha ùr dhaibhsan agus dhan chloinn Luke, Emma agus Ceit.

[Màiri] Chuir e a-steach an t-uabhas uairean a thìde, fhios agad, a’ dèanamh a’ chùrsa a tha sin agus tha mi ’n dòchas nach eil e gu bhith mar sin nuair a bhios e na mhinistear, gum faigh e beagan a bharrachd tìde le theaghlach!

[Alasdair] Ann an dòigh chan eil cus de bheachd agad dè tha iad a’ dol a dh’fhaighneachd dhut. Sin as coireach gu bheil an deuchainn nas duilghe na a h-uile deuchainn a th’ agad anns a’ cholaiste. Tha iad sin sgrìobhte. Tha beachd agad. Chì thu na pàipearan deuchainn o na bliadhnaichean roimhe sin. Ach mar seo chan eil càil a dh’fhios agad dè tha iad a’ dol a dh’fhaighneachd dhut ann an dòigh. Tha fios ’m gu bheil cuideigin a’ dol gam cheasnachadh air a’ Chonfession, Westminster Confession. Agus tha fios agad gur e rudeigin às an leabhar-sa a bhios ann ach tha an t-uabhas ann. Agus feumaidh cuideachd fios a bhith agad càit’ anns a’ Bhìoball an deigheadh tu airson seo a dhearbhadh.

[Preseantair] Ach do Mhàiri mar bean a’ mhinisteir ’s e a’ chiad choitheanal aca as motha a th’ air a h-aire agus gun chinnt càite am bi sin.

[Màiri] An-dràsta tha mi a’ creidsinn gur e sin a’ cheist as motha a th’ orm. Tha, fhios agad, dè am pàirt dhan t-saoghal, uill tha fios a’m gur ann ann an Alba a bhios e co-dhiù a thèid sinn, ach càit’? ‘Eil fhios agad? Agus tha sinn air a bhith ann am mòran de na coitheanalan a tha bàn ’s bidh mi a’ cantainn “An dùil a bheil An Cruthaidhear a’ dol gar cur ann an sin no an dùil a bheil An Cruthaidhear …”. Agus bidh mi a’ coimhead ri coitheanalan agus bidh mi a’ cantainn “dè dhèanainn ann an siud no dè dhèanainn ann an seo?”. Chan eil fhios agad dè seòrsa mansa a tha thu a’ dol a dh’fhaighinn ann no dè seòrsa taighe anns am bi thu. ’S bidh mi a’ cantainn rium fhèin “uill ‘eil thu a’ dol a chruinneachadh àirneis airson, fhios agad, ’s mathaid gum bi trì, ceithir rumannan agad. Nis, chan eil na tha sin de stuth againn. Dè ma bhios sinn ann am mansa beag? Bidh agam ri fèill reic a dhèanamh agus tòrr de na rudan a tha mi air ceannach a reic! Ò dear, tha sin na uallach orm. Rudan beaga daft mar sin.

[Preseantair] Ann an Steòrnabhagh, àm na deuchainn agus tha Alasdair a’ feitheamh ri dhol a-steach air beulaibh ministearan na clèire.

[Alasdair] Bha mi a’ feuchainn ri cunntadh cia mheud ministear a th’ air a dhol a-steach an siud agus chaill mi cunntas orra. Tha mi a’ miannachadh gum bi feadhainn aca rudeigin trang agus gum bi rudan eile aca feasgar Dihaoine agus nach biodh uimhir an seo, ach a rèir coltais tha crowd math agam. Tha mi ’n dòchas nach fhaighnich a h-uile duine aca ceist dhomh no bidh sinn an seo fad an latha!

[Mairi] Tha tòrr rudan a’ tachairt an t-seachdain-sa dìreach airson m’ aire, tha mi a’ smaoineachadh, a thoirt air falbh gus nach bi agam ri bhith a’ smaoineachadh. Tha mi air a bhith a’ call a’ chadail ’s a h-uile càil! Ach sin mise. Tha mi a’ call a’ chadail agus tha Alasdair mar sin mar bhalach beag, a’ cadal mar bhalach beag. Tha bho chionn trì bliadhna agus tha mise, ’s mise an aon duine a bhios an-àird tron oidhche ’s bidh mi ag ùrnaigh leam fhìn. ’S mathaid gur e sin a tha còir againn a bhith a’ dèanamh! Ò sin obair bean a’ mhinisteir! Pàirt dhi co-dhiù.

[Preseantair] An ceann dà uair a thìde faothachadh do dh’Alasdair agus an deuchainn mu dheireadh ullamh.

[Alasdair] Tha e seachad co-dhiù! Agus tha iad riaraichte gu leòr. Chuir iad a-mach mi greiseag. Bidh iad gad cheasnachadh agus tha iad an-còmhnaidh ga do chur a-mach. Ach cha tug iad tòrr ùine mus do dh’iarr iad orm tilleadh a-steach air ais. Tha mi a’ smaointinn gur e soidhne mhath a bha sin!

Chaidh am prògram seo, Bean a' Mhinisteir, a chraoladh an toiseach ann an 2014.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!