FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Great Escape An Teiche Mhòr

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

An Teiche Mhòr

[Rhoda] Chuir mi seachad dà latha a’ togail taigh do na tunnagan. Uill prìosan ach canaidh sinn taigh. Dhùisg mi an-diugh ‘s chan eil ach aonan ann. Tha an triùir eile air teicheadh. ‘S feumaidh mi nis an glacadh airson an cumail a-staigh. Essential activity, tha sibh a’ faighneachd? O ‘s e. Tha iad ag ithe nam buntàta.

[Rhoda] Hi Stripey.

[Rhoda] Siuthad Gunna, come by.

[Rhoda] O uill, cha robh siud gu feum.

[Rhoda] Tha gràin agam air tunnagan.

[Rhoda] Fad sia bliadhna, tha iad air a bhith nan trioblaid.

[Rhoda] ‘S mar as trice, chan eil mi fiù ’s a faighinn uighean.

[Rhoda] Tha iad am falach orm.

[Rhoda] Duck pâté?

Theich iad a-rithist...

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!