FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fiona MacKenzie in conversation with Joy Dunlop Fiona NicChoinnich ann an còmhradh ri Joy Dunlop

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Seòid a’ Chidsin (The Kitchen Coves) Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Seòid a’ Chidsin

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Fiona NicChoinnich ann an còmhradh ri Joy Dunlop

[Fiona] Uill tha sinn uabhasach eòlach air a bhith a’ faicinn Joy Dunlop ann an diofar riochd air telebhisean, air àrd ùrlar agus air rèidio. Ach na bu thràithe air a‘ bhliadhna sa bha i ag obair air pròiseact ùr nuair a bha i a stiùireadh còisir air an robh “Alba” gu farpais Eurovision airson còisirean. Fàilte ort, Joy.

[Joy] Tapadh leibh.

[Fiona] Uill chaidh e uabhasach math dhuibh. Ciamar a bha e a’ faireachdainn a bhith a-muigh an siud leis a’ chòisir agad?

[Joy] Ò, chòrd e rinn cho mòr, fhios agad, ’s e cothrom a bh’ ann a bha cho sònraichte a bhith a’ riochdachadh na h-Alba air àrd-ùrlar cho cliùiteach ’s cho eadar-nàiseanta, agus a bhith a’ riochdachadh na h-Alba — chan ann a’ riochdachadh na Gàidhealtachd a bha sinn — agus bha siud uabhasach math dhuinn, agus chòrd e rinn. Bha a h-uile duine cho snog, bha a’ chòisir fhèin laghach agus, fhios agad, dh’fhairich e gur e rud sònraichte a bh’ ann air an oidhche fhèin.

[Fiona] Agus ciamar a thàinig e gu bith gun robh thu an sàs ann?

[Joy] Chaidh faighneachd dhomh am bithinn deònach còisir a chur ri chèile a dh’aona-gnothach gus pàirt a ghabhail anns an fharpais, agus b’ e rud mòr a bha sin leis gu bheil an t-uabhas seinneadairean againn ann an saoghal na Gàidhlig a bhiodh gu math freagarrach, ach bha agamsa ri còisir a thaghadh agus sin na rinn mi. Choimhead mi air na seinneadairean a bh’ againn, cò an fheadhainn a dh’obraicheadh gu math còmhla, agus chuir sinn rudeigin ri chèile a bha beagan diofraichte bhon àbhaist. Is sin na bha sinn ag iarraidh, fhios agad, a bhith ga thoirt air falbh bho Mhòdan. Tha sinn uile a’ seinn ann an còisirean co-dhiù, is bha sinn ag iarraidh rudeigin a bharrachd a chur ris.

[Fiona] Agus a bheil riaghailtean teann ann le Eurovision mar a th’ aca air feadhainn na farpaisean anns a‘ Mhòd?

[Joy] Chan eil e a cheart cho teann. Bha e a’ leigeil leinn rud sam bith a dhèanamh ged a bha iad ag ràdh rinn gum feumamaid rudeigin a dhèanamh a bha stèidhichte air òrain à Alba. Ach bha mise gu mòr ag iarraidh gum biodh òrain Gàidhlig againn aig cridhe na cùise agus, em... ’s toil leamsa seòrsa megamixes a chur ri chèile, agus sin na bha mi ag iarraidh, fhios agad!

[Fiona] Joy Megamix!

[Joy] Sin agad e! Fhios agad, mashups mar a bha, bha…, thug sin cothrom dhuinn, fhios agad, iomadach rud a shealltainn, agus bha fhios a’m gun robh mi ag iarraidh gum biodh “Alba” — an t-òran “Alba” — mar phàirt dheth, is dh’obraich a h-uile rud aig a’ cheann thall.

[Fiona] Is an robh e eagalach? Am pròiseas air fad, tha mi a’ creids’, ’s e uiread de dh’uallach a bh’ ann dhut — an robh e duilich?

[Joy] Leis an fhìrinn cha robh i eagalach, ach cha robh mi a’ smaoineachadh air a sin, fhios a’d. Bha fhios a’m gun robh obair romham agus gun robh rudeigin agam ri chur ri chèile, is mar sin bha mise gu mòr an sàs ann an daoine a bhrosnachadh cha mhòr, agus sin na bha air m’ aire-sa, fhios agad, gun robh iad fhèin a’ dol a bhith air an àrd-ùrlar, gun robh iad a’ dol a sheinn is gun robh agamsa ri daoine a stiùireadh agus daoine a dheisealachadh airson sin. Ach, fhios a’d, bha sinn a’ mothachadh gur e rud mòr sònraichte — cothrom air leth a bh’ ann — agus sin na bha air m’ aire.

[Fiona] ’S dòcha nach robh an t-eagal ort ach chunnaic mise am prògram a bha gur leantainn agus bha e a’ cur an t-eagal ormsa, is cha robh mise fiù ’s anns a’ chòisir. Chan eil fhios a’m an fheadhainn fod stiùir. Chan eil fhios a’m an obraichinn cruaidh gu leòr dhuibh.

[Joy] Chanainn gun robh an t-eagal orra. Gu tric.

[Fiona] Nise, tha thu eòlach air Nochd, tha thu air a bhith againn ron a seo is mar sin bidh fios agad dè a’ dol a thachairt an-dràsta.

[Joy] Tha.

[Fiona] Tha mi a’ dol a thòiseachadh le dà roghainn dhut an seo, is faighnichidh mi ceist. Iasg no tiops?

[Joy] Hmm... tiops, tha mi a’ smaoineachadh!

[Fiona] Glè mhath. An robh thu a-riamh ann an casino, is am bi thu a’ cur gealltainn air rudan, agus ma tha, cò air?

[Joy] Tha mi air a bhith ann an casino turas no dhà. Cha chreid mi gun robh mi riamh ann an casino ro dhà uair sa mhadainn! Cha bhith mi mar as tric a’ cur gealltainn, chan eil mi uabhasach fortanach anns an dòigh sin, agus chan eil mi buileach a’ tuigsinn nan riaghailtean. Tha deagh chuimhne a’m gun do dh’fheuch mi turas a bhith cuideachail don fheadhainn eile a bha a’ cluiche, agus aig a cheann thall chaidh iarraidh ormsa falbh. Cha b’ ann bhon a’ chasino fhèin leis gun robh iad fhèin a’ dèanamh fortan. Bha mi... Cha do bhuannaich sinn rud sam bith, ach’s e iad na cluicheadairean fhèin aig a‘ cheart àm.

[Fiona] Fhios a’d, thachair an dearbh rud riumsa. Bha mise ann an casino agus bha kitty a h-uile duine eile agam nam phòcaid, dh’fhalbh mi chun a’ bhòrd agus cha robh fios agam dè bha mi a’ dèanamh, agus thàinig cuideigin a dh’iarraidh an kitty, is cha robh sgeul air a’ khitty.

[Joy] Mm-hmm!

[Fiona] Ach cha deach mi air ais ann.

[Joy] Tha thusa fada nas ciallaiche na mise ma tha.

[Fiona] Uill, a bheil thu ciallach? A bheil thu ciallach no a bheil thu...

[Joy] Ahhh, tha aig amannan. Aig ceithir uair anns a’ mhadainn ann an casino, hmm, chì sinn.

[Fiona] Chan eil duine sam bith. Glè mhath, okay. Dè mu dheidhinn aosta no ùr?

[Joy] Dè mu dheidhinn ùr?

[Fiona] Dè as urrainn dhan Mhòd ionnsachadh bho Fharpais Eurovision?

[Joy] Ò, ’s e ceist a tha sin. Rud a bha uabhasach math dhuinne, ’s e gun d’ fhuair e, gun tug e cothrom dhuinne a bhith ag obair le òrain ann an dòigh caran diofraichte. Bha e uabhasach math a bhith gluasad, agus chan eil fhios a’m an còrdadh sin ri còisirean eile ach, fhios a’d, ’s e obair mhòr a th’ ann a bhith a’ toirt air daoine sin a dhèanamh. Ach tha àite ann airson na dhà, fhios a’d. ’S e Mòd geek a th’ annamsa, ’s fior thoil leam am Mòd. Ach bhiodh e math nam b’ urrainn dhuinn coimhead air, uill, “dè ghabhas dèanamh a-nise?”.

[Fiona] ’S ciamar a dhèilig daoine leis a sin, leis an atharrachadh mòr a tha sin dha daoine gum feumadh iad dannsa? An robh iad math air?

[Joy] Ahh... bha cuid dhiubh na b’ fheàrr na cuid eile a bha gu math doirbh aig an toiseach. Agus daoine an-fhoiseil cuideachd leis nach robh iad eòlach air a chèile, agus bha agamsa ri bhith ann teis-meadhan a h-uile rud is ag ràdh “uill ma tha mise a’ feuchainn air, faodaidh sibhse feuchainn air” agus chan e gun robh mi math air, mar a chunnaic tòrr agaibh anns an documentary. Ach, fhios agad, feumaidh tu a bhith a’ stiùireadh dhaoine, agus bha iad uile gu math dìcheallach. Tha fhios a’m gun robh iad ag obair, fiù ’s a thaobh coiseachd agus seinn aig an aon àm.

[Fiona] ’S e dannsair a bh’ annad-sa...

[Joy] ’S e.

[Fiona] ...ron a seo ge-tà. Dè seòrsa dannsa a bhiodh tu a’ dèanamh?

[Joy] Uill, nuair a bha mi òg, ’s e ballet a dhèanainn, ach bha mi fada, fada ro àrd airson sin!

[Fiona] Chan eil thu àrd, a bheil?!

[Joy] Rud beag àrd. Ach bidh mi a’ dèanamh dannsa ceum fhathast, agus dhòmhsa dheth tha e uabhasach nàdarra a bhith a’ seinn agus a’ gluasad aig an aon àm, agus tha e doirbh dhòmhsa seasamh gu ceart gun a bhith a’ gluasad. ’S mar sin nuair a bha sinn ag obair air, fhios agad, a bhith a’ coiseachd no a’ gluasad do làmhan bha mi mothachail gun robh e caran nàdarra dhòmhsa, ach a bhith a’ toirt air cuid eile a bhith a’ gluasad, a bhith a’ coiseachd agus a’ seinn, bha e gu math doirbh dhaibh.

[Fiona] Tha mi a’ creid’ gum biodh. Tha sinn a’ gluasad a-nis gu PM no MP3?

[Joy] Dè mu dheidhinn PM?

[Fiona] Nan robh thusa nad phrìomhaire, cò airson a bhiodh tu seasamh? Chan ann airson am pàrtaidh ach airson dè na rudan a tha cudromach dhut?

[Joy] Hmm. Ceist inntinneach a tha sin. Uill, tha mi cinnteach a’ chiad rud a dhèanainn ’s e gum biodh Gàidhlig ga teagasg anns na sgoiltean uile. Tha mi a’ smaoineachadh gun coimheadainn air na rudan a thaobh ana-ceartais. Tha mise gu math, fhios agad, tha mi a’ coimhead air daoine agus chan eil e gu diofar leamsa cò iad. So bhiodh e math coimhead air dè ghabhadh dèanamh airson…dìreach gum biodh na h-aon cothroman aig a h-uile duine agus nach biodh e gu diofar, fhios agad, na... mas e gun deach do thogail anns na h-eileanan no anns a’ bhaile, no nan robh thu gu math beairt no mura robh. Chan eil fhios a’m ciamar a dhèanainn sin, ach ’s e, fhios a’d, ’s e cothroman a bhith aig clann agus cothroman a bhith aig daoine air a h-uile rud air a bheil iad feumach.

[Fiona] ’S dè mu dheidhinn na do bheatha làitheil? Na rudan a bhios a’ cur [a’ chais ort. A bheil rudan ann mu dheidhinn [dhaoine] nach toigh leat, ’eil fhios a’d, pet peeves?

[Joy] Em. Cha toigh leamsa daoine a tha suarach. Cha toigh leam daoine a tha cruaidh air daoine eile, fhios agad. Mar a tha mise ga fhaicinn tha sinn uile co-ionnan is cha toigh leam daoine a tha a’ dèiligeadh ri daoine eile anns an dòigh sin, fhios agad. Chan urrainn dhòmhsa tuigsinn carson nach biodh tu snog le cuideigin eile, agus tha e gam fhàgail gu math fiadhaich ma chì mi burraidheachd no ma chì mi daoine eile a tha a’ cur sìos air, fhios agad, caraidean no daoine eile air nach eil iad eòlach. ’S dòcha gu bheil iad farmadach, no ’s dòcha nach eil iad fiù ’s eòlach orra. So tha sin gam fhàgail gu math fiadhaich.

[Fiona] Tha mi a’ smaoineachadh gun dèanadh tu prìomhaire uabhasach math!

[Joy] Ò, uill tha mise a’ smaoineachadh gun dèanadh, chan eil fhios a’m an aontaich daoine eile leam!

[Fiona] Tha mi uabhasach toilichte gun tàinig thu a-steach a chèilidh oirnn...

[Joy] Tapadh leibh.

[Fiona] ...is tu cho trang. Mìle taing, Joy.

Chaidh am prògram seo, Nochd, a chraoladh an toiseach ann an 2019. Taing do Bees Nees

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!