FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Sleeping under the Moon A’ cadal fon Ghealaich

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

A’ cadal fon Ghealaich

[Calum] Halò! Tha e an-dràsta leth uair an dèidh aon uair deug a dh’oidhche, agus tha mi a’ laighe nam ghàrradh, a’ coimhead suas dhan speuran. ‘S e an adhbhar gu bheil mi a-mach a’ laighe an seo, a’ cadal a-muigh, seach a bhith a-staigh na mo leabaidh blàth, gu bheil an sgeith-rionnagan suas anns an àrainneachd agus tha mi an dòchas gu faigh mi dealbh air cuid aca.

[Calum] Seo ann an Inbhir Nis, chan eil e cho furasta na rionnagan fhaicinn leis gu bheil taighean agus tòrr solais eile mun cuairt ach ma tha thu a-mach air an dùthaich, thoir sùil suas gu h-àrd. Tha e iongantach.

[Calum] Tha e ceithir uairean a-nise, tha mi dìreach a’ dùsgadh dìreach gus barrachd dhealbhan a cho-shuidhean dhe na rionnagan. Chunnaic mi sgeith-rionnaige no dhà agus air oidhche mar seo chì thu an saoghal a’ tionndadh leis na rionnagan.

[Calum] Tha e dìreach ro chòig a-nise, chì mi solas na grèine a’ nochdadh beag air bheag agus fuaim na h-eòin is iad a’ seinn.

[Calum] Leis gu bheil solas an latha ann a-nise chì sibh far an robh mi a’ cadal air an fheur. Sin mo chluasag, mo phoca-cadail taobh a-staigh poca bivvy agus dà mata-cadail cuideachd airson cofhurtachd. Feumaidh mi aideachadh cha b’ e sin an oidhche cadail as fhèarr a fhuair mi riamh ach tha mi a’ smaointinn gu bheil e math dhut a bhith a’ cadal a-muigh bho àm gu àm agus an rud as fhèarr mu bhith a’ campachadh anns a’ ghàrradh – chan eil fada ri dhol airson cofaidh ’s a mhadainn.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!