FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Who writes letters these days? Cò tha a’ sgrìobhadh litrichean san latha an-diugh?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Cò tha a’ sgrìobhadh litrichean san latha an-diugh?

[Eilidh] A’ bheil thusa a’ dol cracte le bhith glaiste san taigh fad an latha?

[Eilidh] Agus a bheil thu ag ionndrainn nan caraidean agad?

[Eilidh] Àidh, tha ’s mise, so stad a bhith a’ caoineadh agus dèan rudeigin ma dheidhinn ma-thà!

[Eilidh] Carson nach dèan sibh bhidio ri chèile? A’ cleachdadh seann dealbhan agus bhidiothan bho amannan nuair a bha sibh uile ri chèile, mar a rinn mise ann a sheo.

[Eilidh] Tha e simplidh ach gu dearbh cuiridh e gàire air d’ aodann agus hey – ’s dòcha nach bi thu ag ionndrainn nan caraidean agad cho mòr sin nuair a tha cuimhne agad gur e amadain a th’ annta uile.

[Eilidh] Nist, tha fios a’m gu bheil seo caran seann-fhasanta ach sgrìobh litir thuca.

[Eilidh] Nam bheachd-sa tha e tòrr nas fheàrr a bhith a’ faighinn litir tron phost na tha e a bhith a’ faighinn notification air am fòn agad co-dhiù.

[Eilidh] Cuideachd, mur eil pàipear agad, ‘s urrainn dhut a bhith cruthachail.

[Eilidh] Tha mi a’ smaointinn gun do rinn mi ceart gu leòr.

[Eilidh] Dè mu dheidhinn bhidio call mar bhuidheann?

[Eilidh] Tha mi fhìn agus na nigheanan eile bhon cholaiste air a bhith a’ dèanamh seo gu tric agus tha e glè mhath airson catch-up fhaighinn còmhla riutha.

[Eilidh] Agus gu mì-fhortanach ’s e sin cho faisg ‘s a tha sinn dol a dh’fhaighinn airson an-dràsta.

[Eilidh] Tha na rudan seo air leth cudromach airson dèanamh cinnteach gu bheil fios aig na daoine mun chuairt ort nach eil iad nan aonar agus tha thu an-còmhnaidh an sin air an son.

[Eilidh] Agus sin e bhuamsa an-dràsta, cuimhnich bidh seo uile seachad a dh’aithghearr ach airson an àm ri tighinn, glanaibh na làmhan agaibh gu tric agus bidh e uile ceart gu leòr.

[Eilidh] Ò an litir agam!

[Eilidh] Ach airson an-dràsta, mar sin leibh!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!