FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mairi's playgroup Cròileagan Mhàiri

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Bean a' Mhinisteir Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Bean a' Mhinisteir

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Cròileagan Mhàiri

[Preseantair] Ann an dà mhìle ’s a dhà dheug chaidh Alasdair MacAmhlaigh a phòsadh ri co-thional Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus a’ Mhanachainn Rois. A’ chiad choitheanal aige mar mhinistear agus aig Màiri mar bean ministeir.

[Preseantair] Tha bliadhna ann bhon uair sin agus tha iad fhèin agus an triùir chloinne air a bhith a’ dèanamh dachaigh den mhansa agus a’ cur eòlas air coimhearsnachd ùr.

[Preseantair] An-diugh tha Màiri trang le cròileagan Gàidhlig a thòisich i ann an talla na h-eaglaise.

[Màiri] Bha mi rudeigin tàmailteach nuair a thòisich e. Tha mi a’ smaoineachadh gur e triùir a nochd agus às dèidh sin ge-tà thòisich e a’ fàs gu math luath agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil fichead no aon duine air fhichead agam air an register a-nis.

[Màiri] Bha mi air comhairle fhaighinn mus tàinig mi dhan chiad bhliadhna den mhinisteralachd beagan ùine a ghabhail gun leum a-steach ann an rud nach eil thu fhèin cinnteach a bhiodh tu ag iarraidh a bhith a’ dèanamh. Agus mar sin bha mi gu math faiceallach nuair a thàinig mi an toiseach nach robh mi a’ dol a dhèanamh sin. Bha sinn a’ cur seachad ùrnaigh le chèile, mì fhìn agus Alasdair, fhios agad dè seòrsa, mar gum biodh, dreuchd a bha gu bhith agamsa ann an seo, an robh mi dìreach, fhios agad bha a’ chlann agam a-nise anns an sgoil. Bha sin a’ fàgail gun robh cha mhòr a’ chuid mhòr den latha agamsa airson rudan eile a dhèanamh. Agus an rud a bha mi a’ faireachdainn aig an àm, bu chaomh leam gun sealladh an Cruthaidhear dhomh dè, fhios agad, bhiodh E a’ miannachadh a thòisichinn a’ dèanamh. Bha tarraing agam a thaobh a bhith ag obair le òigridh, bha bho riamh, ach bha mi a’ faireachdainn nuair a bhithinn a’ coimhead a-mach air uinneagan a’ mhansa ann an seo cha robh mi a’ faicinn càil ach daoine òg’ a’ dol seachad le pramaichean agus cha robh mi a’ faicinn duine de na daoine seo a’ tighinn dhan eaglais air an t-Sàbaid agus bha mi a’ cantainn “uill, ciamar a tha mis’ a’ dol a chur eòlas air na daoine a tha sin?”. Agus thàinig e a-steach orm gun tòisichinn parent toddler anns an eaglais.

[Màiri] Madainn mhath! Hàlo, Stevie Rose. Seo Stevie Rose agus Hamish ’s Lottie. Trobhadaibh a-steach.

[Preseantair] Chan eil Màiri cinnteach bho sheachdain gu seachdain cia mheud pàrant agus pàiste a nochdas. An-diugh tha i trang gu leòr, ged a tha rudan ann an-còmhnaidh a chumas daoine air falbh.

[Màiri] Tha sinn air cumail a’ dol, tha. Tha barrachd air nochdadh a-nis agus tha sìde mhath ann cuideachd an-diugh agus ’s mathaid gun cùm sin feadhainn gun thighinn. Bidh iad a-muigh sa ghàrradh agus rudan den t-seòrsa sin ach co-dhiù tha gu leòr againn tha mi a’ smaoineachadh.

[Preseantair] Agus ma thig tuilleadh ’s a’ chòrr tha fios aig Màiri gu bheil cuideachadh aice gus tì, juice agus cèicichean a chumail riutha.

[Màiri] Boireannaich agam anns a’choitheanal , bèicearan uabhasach math agus bidh iad a’ toirt rudan mar seo thugainn a h-uile…., tha cuideigin air rota a h-uile Diardaoin airson a thighinn le rudeigin.

[Preseantair] Ged a tha an cròileagan air a bhith a’ dol grunn mhìosan a-nis chan eil a h-uile duine a bhios ga fhrithealadh mothachail air cò i.

[Màiri] Uill fhios agad air seo, chuir aon rud iongnadh ormsa an-diugh. Tha aon de na boireannaich a bha a-staigh còmhla rium an-diugh agus cha robh càil a dh’fhios aice gur e bean mhinisteir a bh’ annam. Tha sin math, nach eil?

[Màiri] Nuair a thòisicheas tu air rud sam bith feumaidh fios a bhith agad nach eil, chan eil thu dìreach gu bhith a’ tionndadh an-àirde air an latha. Tha comataidh ann. Mar sin tha mi air a’ chomataidh. Tha mi a-nis na mo threasurer air a’ chomataidh agus tha mi an urra ri bhith a’ coimhead às dèidh airgead na buidhne ’s a’ cur a-steach airson airgead airson tha thu a’ faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig. Tha tòrr paperwork an lùib buidheann sam bith a tha thu a’ cur air adhart an-diugh agus mar sin tha mi gu m’ ugannan ann am forms.

[Màiri] Seo a-nis. Chì mi sibh an ath-sheachdain.

Chaidh am prògram seo, Bean a' Mhinisteir, a chraoladh an toiseach ann an 2014.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!