FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Remember this wisdom Cuimhnich air a’ ghliocas seo

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Cuimhnich air a’ ghliocas seo

[Catriona] Tha mi airson bruidhinn ribh an-diugh mu dheidhinn cho doirbh ’s a tha e a bhith ann an lockdown agus am buaidh a th’ aige oirnn uile.

[Catriona] Tha e eadar-dhealaichte dhuinn uile ach tha mi air rud no dhà ionnsachadh thairis air na bliadhnaichean le bhith ann an nàdar de lockdown mi fhìn a thaobh a bhith ag obair bhon taigh far nach fhaic mi mòran dhaoine agus a’ faireachdainn gu math aonranach bho latha gu latha.

[Catriona] ’S e an rud as cudromaiche builleach an-dràsta chanainn gun leig thu leat fhèin na faireachdainn agad fhaireachdainn.

[Catriona] Tha coltas gu math simplidh air a sin ach tha e gu math doirbh a dhèanamh.

[Catriona] Dìreach cantainn riut fhèin, “O tha mi a’ faireachdainn rag, tha mi dìreach airson caoineadh. Okay, thèid mi leis a sin, cha dèan mi an obair an-diugh, tha mi dìreach dol a shuidhe sìos agus caoineadh.”

[Catriona] Agus an uair sin, mar as trice, tha iad a dol seachad gu math luath, aon uair ‘s gu bheil thu air cead a thoirt dhut fhèin am faireachdainn.

[Catriona] Tha e math beagan riaghailtean a bhith agad. Tha riaghailtean agamsa mu dheidhinn òl, ithe agus eacarsaich.

[Catriona] Cha chanainn gu bheil mi uabhasach math a bhith gan leantainn, ach tha e math gu bheil iad ann!

[Catriona] Rèidio, tha rèidio uabhasach cudromach dhòmhsa. Tha càirdean agam an seo sa bhothan fad an t-siubhail. Tha Coinneach Mòr agam, tha Niall Iain agam, tha Mòrag Dhòmhnallach agam. Tha na càirdean uile a’ ceilidh orm gach madainn anns a’ bhothan tro Radio nan Gàidheal. ’S tha sin gam chumail bho bhith faireachdainn aonranach.

[Catriona] Rud eile cudromach ’s e sin gun tig seo gu crìoch.

[Catriona] Tha e còrdadh riumsa a bhith a’ smaointinn air cà’ an tèid mi agus cò dha an toirt mi cuddle. A h-uile duine, actually, yeah bheir mi cuddle dhan a h-uile duine!

[Catriona] Ach tha e a’ cur gàire air m’ aodann a bhith a’ smaointinn air na nì mi nuair a thig seo uile gu crìoch.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!