FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Meet Seòras the cat Coinnich ri Seòras an cat

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Coinnich ri Seòras an cat

[Seòras] Haidh, is mise Seòras agus tha mi a’ fuireach ann an Glaschu. Nis, tha fhios a’m gu bheil e follaiseach ach tha sibh ceart, ’s e modal a th’ annam ’s na mìltean de luchd-leantainn agamsa air Instagram. Uill… cha mhòr…

[Seòras] Nis, coltach ribhse, tha mise ann an lockdown cuideachd. Canaidh cuid nach eil mo bheatha air atharrachadh gu mòr, ach tha mi a’ dèanamh beagan yoga sna làithean-sa.

[Seòras] Aon rud a tha beagan na bu dhuilghe ann an lockdown, ’s e bhith faighinn beagan fois… ach saoil carson a bhiodh sin? Saoil carson a tha sin?

[Seòras] Hmm… seall cò tha ag obair bhon taigh.

[Lana] Haidh piseag, tha thu cho cute! Tha thu cho cute, o piseag! ‘Eil thu ag iarraidh cuddle? Ag iarraidh cuddle!

[Seòras] Miao

[Seòras] So, ma tha sibh a’ faireachdainn ìosal, dìreach bithibh toilichte nach eil sibh steigte còmhla rithese.

[Seòras] Miao

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!