FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Are you organised? If not, try this! A bheil thusa eagraichte? Mur eil feuch air seo!

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

A bheil thusa eagraichte? Mur eil feuch air seo!

[Ciorstag] Halò! ’S mise th’ ann a-rithist agus an-diugh tha mi a’ dol a shealltainn dhuibh mar a tha mi a’ dèanamh leabhar-latha.

[Ciorstag] An toiseach, feumaidh tu leabhar-latha, peansail, peann, pinn calligraphy agus pinn dathte, rubair, agus rudeigin dìreach airson loidhnichean a dhèanamh.

[Ciorstag] Seo fear a rinn mi an t-seachdain sa chaidh.

[Ciorstag] An toiseach, tha mi a’ dèanamh bogsa airson gach latha den t-seachdain. ‘S e bullet journal a th’ anns an leabhar-latha a th’ agamsa an seo ’s tha sin a’ ciallachadh gu bheil dotan beaga ann so tha sin math airson loidhnichean a dhèanamh.

[Ciorstag] Tha mi a’ cleachdadh peansail aig an toiseach agus an uair sin ’s urrainn dhomh sin a rub-adh a-mach aig an deireadh. An seo, tha mi a’ sgrìobhadh bhogsaichean nas motha an turas seo airson gach latha den t-seachdain.

[Ciorstag] A-nist, tha mi a’ dol thairis air a h-uile rud le peann àbhaisteach. Tha e math a bhith a’ tòiseachadh aig a’ mhullach agus a’ dol sìos gus nach bi rud sam bith a smudge-eadh.

[Ciorstag] A-nist tha mi a’ dèanamh habit tracker far a bheil mi a’ track-adh rud sam bith a tha mi airson sùil a chumail air an t-seachdain sa, mar eisimpleir, ceumannan, uisge a ghabhail, eacarsaich a dhèanamh, a bhith a’ dol a-muigh gach latha, rudan mar sin. Tagh rud sam bith a tha thusa ag iarraidh. Airson an sgrìobhadh as motha, tha mi a’ cleachdadh pinn a’ challigraphy. Nise, chan e expert a th’ annam idir a thaobh làmh-sgrìobhadh mar seo ach tha mi air bhidio no dhà a choimhead a thaobh an dòigh-obrach seo. Chan fheumaidh tu seo a dhèanamh, ’s e rud math mu dheidhinn bullet journals gun urrainn dhut a bhith cruthachail.

[Ciorstag] A thaobh dealbhachaidh, tha mise a’ cumail am fear agamsa gu math simplidh le loidhnichean dìreach agus dathan.

[Ciorstag] A-nis tha mi a’ rub-adh a h-uile pìos peansail a-mach ’s deiseil airson dath a chur air. Tagh dath sam bith a tha a’ còrdadh ribh ach tha pinc ’s dearg còmhla a’ còrdadh rium an-dràsta.

[Ciorstag] An seo, tha mi a’ sgrìobhadh a h-uile rud a th’ agam ri dhèanamh an t-seachdain sa. Agus anns na bogsaichean seo, tha mi a’ sgrìobhadh rud sam bith a tha a’ tachairt gach latha.

[Ciorstag] Is rud sam bith a th’ agam ri dhèanamh an-ath-sheachdain an seo. Leis an tracker, aig deireadh gach latha, tha mi a’ cur dath anns na bogsaichean ma tha mi air sin a dhèanamh. Mur eil, tha mi ga fhàgail geal. Aig an deireadh, chì thu pàtran air ciamar a tha thu a’ faighinn air adhart leis na diofar habits agad. An uair sin tha mi a cur na rudan a th’ agam ri dhèanamh tron t-seachdain air an latha a tha mi airson sin a dhèanamh.

[Ciorstag] Seo far a bheil mi a’ cumail sùil air dè cho math ’s a tha mi a’ faighinn air adhart leis an leabhar a tha mi leughadh.

[Ciorstag] Tha mi air plana-làitheil a dhèanamh airson gach latha agus cuideachd tha mi a’ feuchainn ri dhèanamh rudan gach latha airson m’ inntinn, airson mo bhodhaig, airson m’ anam, agus cuideachd rudeigin a tha tarbhach.

[Ciorstag] Seo eisimpleirean de diofar dhòighean airson bullet journals a dhèanamh. Tha iad math airson a bhith eagraichte agus cuideachd tha iad math airson do chuimhneachd. Feuch sibh fhèin e! Bi cruthachail ’s cuideachd gabh spòrs.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!