FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What’s lockdown like in London? Cò ris a tha lockdown coltach ann an Lunnainn?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Cò ris a tha lockdown coltach ann an Lunnainn?

[Judi] Halò, is mise Judi. ’S ann à Leòdhas a tha mi ach a-nis tha mi a’ fuireach agus ag obair ann an Lunnainn. Tha mi air a bhith ag obair bhon taigh bho mheadhan a’ Mhàirt agus tha am flat agam a-nis mar oifis, cidsin, stiùideo yoga agus bùth chofaidh.

[Judi] An toiseach, bha mi gu math tàmailteach gu feumainn a bhith ann an Lunnainn airson lockdown agus bha mi ag iarraidh dhachaigh gu mo theaghlach.

[Judi] Tha lockdown air cothrom a thoirt dhomh a bhith a’ dèanamh barrachd anns a’ chommunity agam. Tha mi a’ fuireach ann an Southwark, aon de na h-àitichean as àirde anns a bheil an àireamh de dhaoine a tha a’ fulang leis a’ bhìoras.

[Judi] Tha mi mar phàirt de chòmhlan le còrr air dà cheud volunteer a tha a toirt cuideachadh do dhuine sam bith a tha feumach.

[Sìne] Halò! Is mise Sìne, tha mi a’ dèanamh obair saor-thoileach còmhla ri Judy. ’S e oifigear dìon a th’ annam agus bidh mi a’ cuideachadh leis a h-uile càil a tha an sgioba a’ dèanamh.

[Judi] Bidh sinn a’ ceannach biadh agus ga fhàgail aig na dorsan, cruinneachadh prescriptions, tha call service againn cuideachd airson daoine a tha dìreach ag iarraidh bruidhinn. Cuideachadh ann an dòigh sam bith really.

[Judi] ’S e àm duilich, duilich a tha seo, ach tha e math a bhith a’ faicinn daoine a’ tighinn còmhla agus a’ cuideachadh a chèile. Bithibh sàbhailt’, cheerio!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!