FaclairDictionary EnglishGàidhlig

How are Agnes’s plants getting on? Ciamar a tha na planntraisean aig Agnes a’ faighinn air adhart?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Ciamar a tha na planntraisean aig Agnes a’ faighinn air adhart?

[Agnes] Halò, tha mi air ais anns an tunnel an-diugh. Chan e latha uabhasach càilear a-muigh ach tha e gu math càilear a-staigh an seo. Chan eil e ro bhlàth an-diugh idir agus mar sin tha e tòrr nas fhasa a bhith ag obair ann. Tha mi an-diugh a’ dol air ais gu sìol a chur mi bho chionn dhà no trì seachdainean agus tha planntraisean sin dìreach a-nis a’ tighinn air adhart. Tha mi a’ dol a ghabhail an rolagan pàipeir a tha seo, rolagan a bhios ann am meadhan toilet paper, agus dol ga chleachdadh mar phoit bheag Ach airson gun urrainn dhomh compost a chur ann agus gun glèidh an compost, tha mi a’ dol a ghearradh pìos a-mach às a’ bhucais uighean a tha seo agus tha e fhèin air a dhèanamh a-mach à pàipear. Agus tha mi a’ dol a chur an dà rud an ceann a chèile agus an uair sin a’ dol a chur a’ phlanntrais a-steach ann. Agus cuiridh mi seo a-nis a-rithist air ais fo beagan bhlàths, fo aodach a dh’aon’ ghnothaich a th’ agam airson cumail blàths agus a-rithist an ceann dhà no trì seachdainean tha mi an dòchas gu bheil sin a ciallachadh gun tig iad air adhart. Agus airson a h-uile càil a th’ ann a dol dhan an t-ùir agus tha sin an uair sin a’ ciallachadh nach eil thu a’ dèanamh milleadh no miastadh air na freumhan. Tha an lus a’ tighinn air adhart mar a tha còrr aige. Agus an-diugh, tha mi dol a dhèanamh beagan cur air spring onions agus cò aige a tha fios, mus tèid cus ùine seachad ’s dòcha gum bi sinn ann an suidheachadh gun urrainn dhuinn an cleachdadh sinn fhìn còmhla ri an leiteas againn fhèin air làithean brèagha.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!