FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The busiest day An latha as trainge

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Bean a' Mhinisteir Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Bean a' Mhinisteir

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

An latha as trainge

[Preseantair] ’S e an t-Sàbaid a th’ ann ann am Baile Dhubhthaich. An latha as trainge den t-seachdain sa mhansa.

[Mairi] Tha an t-Sàbaid an-còmhnaidh trang ’s gu h-àraidh nuair a tha clann agad cuideachd. Tha uallach an triùir chloinne agam gum bi iad an-àirde ’s nan aodach agus an uair sin uallach bidhe. Mar as trice tha cuideigin againn aig biadh. Agus mar sin tha thu a’ dol ’s a’ dol. Chan eil mionaid agad, airson an fhìrinn innse. Dhìochuimhnich mi seo a dhèanamh an-dè. Bidh an-còmhnaidh rudeigin ann airson a dhèanamh air madainn na Sàbaid. Bha an fheòil agam a-staigh dìreach airson sealadh na feòla agus an uair sin chuir mi rud beag, bidh mi a’ cur rud beag bùirn còmhla ris an fheòil an uair sin. Tha seo mar prògram recipes, nach eil? Tha dùil againn ri cupall às a’ choitheanal an-diugh. Tha, bidh ise a’ ruith bed and breakfast so tha ise gu math eòlach air a bhith organised ann an cidsin. A bheil thu ag iarraidh balgam?

[Alasdair] Chan eil tìde agam, no. No time.

[Preseantair] Tha dà shearmon aig Alasdair sa mhadainn. An toiseach Baile Chnuic agus an uair sin Baile Dhubhthaich tarsaing an rathaid. Chan eil cus ùine eadarra.

[Mairi] Glè mhath.

[Alasdair] Right, tha mise a’ falbh.

[Mairi] Okay doke, right. See you later. Right okay, tiors. Right guys, a bheil sibhse deiseil? Go, go. Siuthad, a Cheit.

[Alasdair] Why did Jesus come? He came to seek and to save the lost. Rud a chunnaic mis’ bean ministeir eile a’ dèanamh nuair a thàinig i dhan choitheanal as ùire bha i a’ suidhe ann an àite eadar-dhealaichte a h-uile seachdain, a h-uile Sàbaid. Agus bha sin gu math feumail bhon bha i a’ cur eòlas air diofar dhaoine agus bha Màiri a’ dèanamh sin nuair a thàinig sinn an seo an toiseach. Agus thèid mise chun dorais a bhreith air làimh air daoine, thig i a-mach còmhla rium bhon chan eil mise, an urrainn dhomh stad a bhruidhinn ri duine. Tha mi dìreach a’ breith air làimh orra agus tha an ath-dhuine a’ tighinn agus an ath-dhuine a’ tighinn. Ach ma tha duine às ùr ann bidh cothrom aig Màiri bruidhinn riuthasan ’s eòlas a chur orra.

[Alasdair] Sheatlaig sinn gu math luath agus math dha-rìribh dìreach ann an seachdainean.

[Mairi] Bha e gu math furasta. Tha na daoine an seo tha iad gu math faisg nan dòigh agus tha mi a’ smaoineachadh cuideachd seach gu bheil sinn fhìn rudeigin faisg, sin an t-seòrsa daoine a th’ annainn, tha sinn a’ faireachdainn gu bheil coimhearsnachd ann an seo cuideachd mar a gheibh thu aig an taigh.

[Preseantair] Às dèidh an t-searmoin ’s e dèanamh air a’ chidsin agus dalladh air a’ bhuntàta.

[Mairi] Tha mi a’ creidsinn nuair a thòisich mi an toiseach bhithinn a’ smaoineachadh air “dùil am bi gu leòr bidhe agad?” mur a h-eil thu eòlach air a bhith, fhios agad, a’ toirt biadh dha tòrr dhaoine. Ach tha mi a’ creidsinn gun d’ fhuair mi gu leòr practice aig an taigh. Nis, tha mi a’ creidsinn gu bheil e, chan eil e a’ dèanamh cus dragh dhomh mar a chleachd, ach uaireannan dìreach aig a’ mhionaid mu dheireadh gum bi a h-uile càil teth ’s an uair sin nach fhàg thu càil anns an àmhainn, rudan a bhios a’ tachairt aig àm na Nollaig, bhiodh na chipolatas air fhàgail agus bidh iad dubh nuair a thèid thu chun àmhainn an ath-latha. Feuchainn ri cuimhneachadh air a h-uile càil a chur a-mach agus rudan den t-seòrsa sin. Sin na worries a th’ aig bean a’ mhinisteir nuair a tha i a’ dèanamh biadh! Ok folks, ready to serve. A-mach à seo sinn, to the table

[Preseantair] Tha taigh làn aig Màiri air an t-Sàbaid seo. A bharrachd air dithis air aoigheachd, tha Cairistiona, an nighean aice bhon chiad phòsadh, agus ogha beag Màiri Demi còmhla riutha air an deireadh-seachdain.

[Mairi] I know there’s something else missing off the table. Abair guest, abair host, I mean.

[Preseantair] Às dèidh madainn thrang mu dheireadh tha cothrom aig Màiri suidhe sìos agus fois a ghabhail.

Chaidh am prògram seo, Bean a' Mhinisteir, a chraoladh an toiseach ann an 2014.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!