FaclairDictionary EnglishGàidhlig

How Rhoda keeps busy Mar a tha Rhoda a’ cumail trang

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Mar a tha Rhoda a’ cumail trang

[Rhoda Meek] Is mise Rhoda. Tha mi a’ fuireach an seo ann an Tiriodh

[Rhoda Meek] Mus tèid mi càil nas fhaide, Tiriodh a th’ ann, chan e ”Tirìdh”. Chan e ”Tirèadh”. Tiorodh.

[Rhoda Meek] Glè mhath.

[Rhoda Meek] Niste, tha mi ag obair bhon taigh. Agus ‘s e .. uill, chan eil sinn buileach cinnteach idir gu dè tha mi a’ dèanamh, uill chan eil mise buileach cinnteach, ach coimpiutaireachd air seòrsa.

[Rhoda Meek] Is fhad ‘s a tha mi ag obair, tha companaich agam. Tha ceithir càit agam. Seo agaibh Snuffles agus Polly.

[Rhoda Meek] Tha mi a’ fuireach anns an taigh a thog mo shinn-shinn-sheanair. Siud e – dìreach ann an shiud. A’ cumail sùil orm agus na tha mi a’ dèanamh.

[Rhoda Meek] Seo agad Gunna. Tha Gunna mu dhà bhliadhna a dh’aois agus tha e ag obair nan caorach còmhla rium.

[Rhoda Meek] Tha còrr is … ò fichead ‘s a’ chòig caora gu bhith a’ breith thairis air an dà sheachdain a tha ri thighinn agus mar sin, bidh mi trang, bidh mi gu math fhèin trang a-muigh fhad ‘s a tha mi fhèin a’ feuchainn ri fuireach a-staigh!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!