FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What was China like? Cò ris a bha Sìona coltach?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Cò ris a bha Sìona coltach?

[Mairead] Haidh, is mise Mairead, agus sin mise ann an Sìona. Gu ruige An Gearran, bha mi a’ fuireach an seo ag ionnsachadh Sìonais ach air sgàth ’s gu bheil an coronavirus a-nis ann, tha mi air ais san taigh ann an Glaschu.

[Mairead] San t-Sultain, chaidh mi fhìn agus fichead sgoilear eile bho Alba thall thairis gu baile faisg air Beijing leis an ainm Tianjin airson Sìonais ionnsachadh fad bhliadhna.

[Mairead] Às dèidh mu cheithir mìosan, bha an cothrom againn a’ siubhal air feadh na dùthcha air sgàth ’s gur e làithean samhraidh nam bliadhn’ ùir a bh’ ann.

[Mairead] Chaidh mi fhìn agus caraid sìos gu Wuhan, dìreach latha ron a’ chiad bhàs an sin. ’S e baile inntinneach a bh’ ann agus chòrd e rinn gu mòr, ach cha robh càil de dh’fhios againn mun am bhìoras aig an àm sin. Tha e beagan eagalach a’ smaointinn mu dheidhinn an-dràsta oir cha do ghabh sinn dìon sam bith.

[Mairead] Às dèidh mu sheachdain, le Wuhan fhàgail, thòisich sinn air a bhith beagan iomagaineach. Bha sgeulachdan anns na naidheachdan mu droch cnatan ann an Wuhan agus bha ar tidsearan air rabhadh a thoirt dhuinn mu dheidhinn nan cunnartan. Ach cha robh casad no teasach oirnn, bha mise den bheachd gun robh mi ceart gu leòr, agus nach biodh ach buaidh bheag aig an bhìoras air ar turas.

[Mairead] Bha mi cho ceàrr.

[Mairead] Mhothaich sinn gun robh barrachd dhaoine air masgaichean a chur orra agus bha a h-uile duine a’ nighe nan làmhan na bu trice. ’S e sin a rinn sinn cuideachd.

[Mairead] Agus an uair sin dh’fhaighnich ar tidsearan oirnn a tilleadh dhan oilthigh, gu h-àraid mise a bha air a bhith ann an Wuhan.

[Mairead] ’S e sin nuair a dh’atharraich cùisean. Chaidh àiteachan anns na taighean-òsta a chur dheth, cha robh cead againn siubhal do cuid de bhailtean, chaidh pàirtean den dùthaich fo ghlasadh sluaigh, cha robh daoine airson fiù ’s airson suidhe ri chèile air am Metro. ’S e an suidheachadh às troimhe-chèile anns an robh mi a-riamh. Bha mise air an taobh cheàrr den dùthaich, agus b’ fheudar dhomh dòigh a lorg mìle gu leth mìltean siubhail ann an dà latha. Ach ’s e sgeulachd airson latha eile a th’ ann an sin.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!