FaclairDictionary EnglishGàidhlig

WFM’s annual meeting Coinneamh bhliadhnail aig WFM

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Bean a' Mhinisteir Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Bean a' Mhinisteir

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Coinneamh bhliadhnail aig WFM

[Preseantair] Dùn Èideann agus Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire. Cothrom còmhraidh agus deasbaid do na ministearan agus an-diugh tha latha mòr aig na mnathan cuideachd.

[Màiri] An-diugh tha mi ann an Dùn Èideann agus tha mi dìreach airson a’ chiad turas mar bhean ministeir a’ tighinn gu coinneamh bhliadhnail an WFM, sin Women For Mission. Agus mar as trice a h-uile bliadhna tha iad a’ dèanamh pròiseact sònraicht’ son airgead a thogail. An-uiridh ’s e baidhsagalan ’s Bìobaill airson àite sa Chongo agus am-bliadhna bidh iad ag ainmeachadh a’ phròiseict ùr agus tha seo mar rud mòr dha na boireannaich ann an seo gus am faic sinn, fhios agad, dè tha sinn a’ dol a dhèanamh am-bliadhna ’s dìreach a’ brosnachadh boireannaich gu bhith a’ cur rudan air adhart anns na coitheanalan aca fhèin airson airgead a thogail airson nam pròiseactan a tha sin.

[Preseantair] Tha feasgar Women For Mission air tòiseachadh agus tha pròiseact na bliadhna ga fhoillseachadh.

[Màiri] Am-bliadhna tha mi a’ faireachdainn mar gum biodh tha blàths eadar a h-uile duine agus tha mi a’ smaoineachadh nuair a tha thu na do bhean…mhnaoi a tha ceart ach an tuig iad sin? ministeir ’s mathaid gu bheil barrachd sympathy agad dha càch a chèile! Fhios agad, tha thu a’ faicinn, fhios agad, an obair mhòr a tha ann a bhith a’ ministearalachd ’s a bhith na do bhean …ministeir. Fhios agad, tha tòrr rudan a’ dol agus feumaidh tu dìreach ... do cheann a bhith ann an tòrr àiteachan aig an aon àm, ma thuigeas tu sin. Ach tha e math a bhith a’ cruinneachadh còmhla.

[Preseantair] Aig deireadh latha trang agus às dèidh seachdain bho chèile, cothrom do Mhàiri agus Alasdair cofaidh a ghabhail còmhla.

[Màiri] Tha thu uabhasach toilichte m’ fhaicinn!

[Alasdair] Chan eil càil a dh’fhios ’m ...

[Màiri] Bho dh’fhàg e an taigh madainn Diluain, nach eil? Bha thu gam ionndrainn!

[Alasdair] Bha i ag ràdh gur ann a thàinig i sìos an seo airson an WFM ach tha mi a’ smaoineachadh gun tàinig i sìos dìreach gam fhaicinn. Grunn uairean a thìde air bus sìos agus grunn uairean a thìde air bus... ’S e seachdain fhada a th’ ann, fhios agad, tha thu a’ dol a-steach aig naoi anns a’ mhadainn agus tha thu ann gu às dèidh naoi, uaireannan suas gu deich air an oidhche. Ach an dèidh sin tha e inntinneach, fhios agad. Tha thu ag ionnsachadh tòrr agus tha thu a’ coinneachadh daoine. ’S e rud mìorbhaileach a tha sin an-còmhnaidh a bhith a’ coinneachadh daoine.

[Màiri] Tha sinn a’ fàgail aig leth-uair an dèidh còig so tha mi a’ creidsinn gu bheil slighe mhòr romhainn mus ruig sinn Baile Dhubhthaich a-nochd. ’S mise an duine mu dheireadh a thig far a’ bhus! ’S mi a’ chiad duine a chaidh air as a’ mhadainn! Ach tha sinn a’ stad ann am Bankfoot airson grèim bidhe fhaighinn an sin agus bidh sinn a-rithist a’ clabadaich ann an sin greiseag bheag eile. Tha latha math air a bhith againn. Tha e a’ còrdadh riums’ mìorbhaileach.

Chaidh am prògram seo, Bean a' Mhinisteir, a chraoladh an toiseach ann an 2014.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!