FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What have you done in the garden? Dè rinn thusa sa ghàrradh?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Dè rinn thusa sa ghàrradh?

[Seonag] Madainn mhath, tha mi anns a’ ghàrradh an-diugh agus tha mi a’ dol a shealltainn dhuibh na rudan a tha mi air a bhith a’ dèanamh airson cur seachad tìde anns an glasadh-sluaigh a tha seo. Tha mi air a bhith a’ gearradh an fheur, ’s a’ gearradh mhaidean airson an teine anns a’ gheamhradh agus a’ togail na weeds am measg rud no dhà eile.

[Seonag] Ceart, tha am feur deiseil airson a’ chiad ghearradh dhen bhliadhna. ‘S fìor thoigh leam an obair seo, gus am buail an hayfever orm. ‘S toigh leam a bhith a’ cladhach sa ghàrradh, gu h-àraid le glasraich ach an-diugh bha mi a’ cladhach a-mach na weeds bho na flùraichean. Tha seo cudromach airson ’s gum bi àite gu leòr airson nam flùraichean a’ fàs gu ceart. Leis an glasadh-sluaigh agus an t-sìde àlainn, ’s e àm math a th’ ann airson a bhith a’ dèanamh na h-obrach seo.

[Seonag] Tha tòrr chraobhan marbha timcheall air an taigh againn agus chruinnich sinn na maidean a bha air tuiteam sìos airson an gearradh suas agus an tioramachadh airson an teine anns a’ gheamhradh. Bha tòrr mhaidean againn, ach gu fortanach, tha gu leòr tìde againn.

[Seonag] Feumaidh na maidean a bhith glè thioram mus tèid iad air an teine no lìonaidh iad an t-similear le salchar. An obair mu dheireadh a bh’ agam an-diugh ’s e a bhith a’ cleachdadh na làmhaige gus kindling a dhèanamh. Cha robh mi math air a seo idir ’s cha mhòr nach do chaill mi m’ òrdag. ’S dòch’ nach bi gin air fhàgail aig an astar seo!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!