FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Who stays here? Cò tha a’ fuireach an seo?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Cò tha a’ fuireach an seo?

[Anndra] Halò, is mise Anndra. Tha mi air a bhith gu math trang tro lockdown ag ullachadh an dàrna dhachaigh agam, agus seo i.

[Anndra] Seo taobh a-staigh a’ bhana. Tha na preasan an seo, cheannaich sinn iad agus rinn sinn beagan atharrachadh orra.

[Anndra] Cuideachd tha being ann a thèid na leabaidh agus seallaidh mi sin dhut.

[Anndra] Seo an leabaidh, bu mhath leam a ràdh gun do rinn mi fhìn seo ach gu mi-fhortanach cha do rinn.

[Anndra] Tarraing beag, tha na slataichean a tighinn a-mach agus mar sin tha leabaidh slàn ann.

[Anndra] So, an obair a th’ agam an-diugh, tha am preas seo caran cugallach an-dràsta so an rud tha mi a’ dol a dhèanamh tha mi dol a chur hinge eile ann a sheo gus an cumail nas treasa.

[Anndra] Latha eile a th’ ann, tha an aimsir rud beag nas fhèarr agus tha mi air an drill a chargeadh so tha mi dol a dh’fheuchainn a-rithist.

[Anndra] Tha mi air crìoch a chur air an toll ùr so tha sin glè mhath. Chan eil e ceart cho sgiobalta ’s a tha an fhear a rinn iad anns am factaraidh ach tha mi toilichte gu leòr.

[Anndra] Tha na preasan deiseil a-nis.

[Anndra] Tha an dà hinge ann air an dà thaobh agus tha e fada nas treasa a-nise.

[Anndra] So tha sinn a’ faighinn uinneag airson an doras seo, so tha mi a’ dol a thoirt am panail seo dheth agus a-màireach thèid sinn dhan a’ bhùth-obrach 's gheibh sinn uinneag.

[Anndra] Seo agad sealladh beag air a’ bhan agam, pròiseact a tha air a bhith gam chumail a’ dol agus gam chumail gu math trang tron lockdown. Tha tòrr obair ann fhathast ri dhèanamh ach tha mi ag obair air beag air bheag agus tha mi gu math toilichte leis mar a tha e. So tha mi a’ coimhead air adhart a-nis ri bhith dèanamh beagan siubhal cho luath ‘s a tha e ceadaichte agus sàbhailte ri sin a dhèanamh. So tha mi an dòchas gun do chòrd an bhidio riut agus cheers an-dràsta!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!