FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Would you send a jigsaw to a good or bad friend? An cuir thusa mìrean measgaichte do dheagh no droch charaid?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

An cuir thusa mìrean measgaichte do dheagh no droch charaid?

[Coinneach] Halò, Coinneach an seo ann an Glaschu a-rithist. Nist, chan eil teagamh gu bheil sinn uile ag ionndrainn ar caraidean an-dràsta ach saoil - dè th’ ann an deagh charaid?

[Coinneach] Cuideigin a smaoinicheas ort agus a chuireas thugad prèasant?

[Coinneach] Mìrean-measgaichte den Chuiltheann?

[Coinneach] Rudeigin a chumas trang thu anns an àm neònach a tha seo agus sona cuideachd, abair thus’!

[Coinneach] Dè th’ ann an droch charaid ma-tha?

[Coinneach] Uill, ma tha iad a’ leigeil leat a bhith ag obair air an rud a seo, latha agus oidhche, gus an tèid thu beagan droll leis.

[Coinneach] Ach ged a tha e doirbh, tha thusa a’ cumail ort.

[Coinneach] Tha thu a’ strì ris.

[Coinneach] Chan e...

[Coinneach] Agus tha thu a’ dèanamh adhartais.

[Coinneach] Tha an rud a’ tighinn ri chèile, tha thu na do mhol a-nis gus crìoch a chur air.

[Coinneach] Ach... tha rudeigin ceàrr!

[Coinneach] Mar a thuirt am fear eile, cò tha ag iarradh caraidean ma ’s ann mar sin a tha iad!

[Coinneach] Ach bidh sibh toilichte a’ cluinntinn gun do rinn am fear a tha seo an rud ceart.

[Coinneach] Mu dheireadh thall!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!