FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What’s the best thing to help grow vegetables in the garden? Dè an rud as fhèarr airson taic a chur ri lusan a dh’fhàs sa ghàrradh?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Dè an rud as fhèarr airson taic a chur ri lusan a dh’fhàs sa ghàrradh?

[Iain] Tha mi a’ smaoineachadh cha mhòr air feadh na dùthcha gu bheil na comhairlean air sgur a ghabhail na nithean seo – biadh a th’ agad anns a’ chidsin a tha thu a’ dol a chaitheamh a-mach. Mar sin, tha e ceart cho math dhut feuchainn agus beagan todhair, beagan compost a dhèanamh leotha. Sin a tha mis’ a’ dol a dhèanamh an-diugh as a’ ghàrradh. Seall air, cho uaine is pailt. Tha seo a’ dèanamh math. Ach tha an compost agam dìreach truagh dha-rìribh.

[Iain] Faodadh tu rud sam bith a chleachdadh, seann phallets mar eisimpleir. ’S e dìreach an teas a chumail a-staigh agus an t-uisge a chumail a-mach.

[Iain] Nuair a tha thu a’ smaoineachadh mu dheidhinn cà’ chuireas tu gach rud, tha e fada nas fhasa ma ’s urrainn dhut ga chur am badeigin far a bheil e a’ faighinn chun talamh. Tha sin dol a dhèanamh e nas luaithe a thaobh na biastagan beaga a’ faighinn timcheall air. Tha thu cuideachd ag iarraidh gum bi e ann an àite far a bheil a’ ghrian dol a dh’fhaighinn thuige airson cuid den latha.

[Iain] Bidh mise a’ cur seann gheugan sa bhonn airson cuideachadh le pòcaidean adhair fhàgail ann. Tha iad sin donn. Bidh sinn a’ bruidhinn air donn agus uaine. Tha duilleagan a fhuair seargadh, cairt agus pàipear cuideachd donn.

[Iain] Tha thu ag iarraidh aon uimhir sin agus a dhà uimhir seo, stuth uaine. Glasraich às a’ chidsin, rudan mar sin, fiù ’s ma tha thu a’ gearradh an fheòir, faodaidh sin dol a-staigh còmhla ris. Na cuir a-staigh biadh ge-tà a tha thu air ithe no ’s dòcha gun tadhal rodan ort.

[Iain] Bha am fear a bh’ agamsa ro bheag agus cus ro uaine.

[Iain] Bidh fhios agad gu bheil e ro uaine leis gum bi fàileadh uabhasach às.

[Iain] Chan eil mi idir a’ coimhead air adhart ris an obair a tha romham agus tha mi ca ran duilich gu bheil ’s dòcha feum agam iarraidh air cuideachadh bho Sadie airson seo a dhèanamh.

[Iain] Sadie? Deiseil?

[Iain] Seo a-nist! Cha robh sin idir cho dona ‘s a bha dùil a’m a bhiodh e.

[Iain] Cairt a bharrachd, agus timcheall leis. Tha foighidinn cuideachd a dhith. Bheir e sia mìosan no bliadhna a bhith deiseil. Ma tha rudan air a ghearradh nas lugha a’ dol a-staigh, ‘s ann nas luaithe a bhios e.

[Iain] Cum uisge no cairt ris ma tha sin a dhith agus ma thogras sibh, cur car ann gach cola-deug.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!