FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Back to the water Air ais dhan uisge

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Air ais dhan uisge

[Calum] Halò, an-diugh tha mi a’ dol a dhol a shnàmh. Leis gu bheil beagan a bharrachd saorsa againn astaran ghoirid a dhràibheadh airson eacarsaich, an dèidh faisg air dà mhìos tioram air tìr, tha mi air ais anns an uisge!

[Calum] Chan eil fhathast an cothrom againn siubhal fada is farsaing 's mar sin cha tèid agam a dhol àite sam bith tha mi ag iarraidh, cha tèid agam a dhol suas chun na lochan-beinne fhathast.

[Calum] Ach tha sin air toirt orm rudeigin a dhèanamh, tha mi air a bhith a’ sgrùdadh nam mapaichean agus a’ lorg àitichean ùra airson snàmh. Uill, àitichean a tha ùr dhòmhsa. Agus tha gu leòr dhiubh a tha math, a tha faisg air làimh!

[Calum] Tha mi air easan agus glumagan ùra a lorg ann an aibhnichean, fiù 's shnàmh mi sìos Abhainn Nis a-staigh gu Inbhir Nis agus cha b’ e seo rud a bhithinn air dèanamh mura robh e gu robh feum againn a’ fuireach faisg air an taigh.

[Calum] An-diugh, seo far a bheil mi, Loch Nis. Loch mòr àlainn agus chan eil mi fhathast a’ snàmh astaran fada, tha na fèithean agam dìreach a’ faighinn cleachdte ri bhith snàmh a-rithist agus leis an fhìrinn innse tha mise dìreach a’ faighinn cleachdte ri cho fuar 's a tha an uisge. Co-dhiù ann an Loch Nis, chan eil an loch seo a’ fàs blàth uair sam bith.

[Calum] O tha e math a bhith air ais anns an uisge.

[Calum] Tha e doirbh rudeigin a nì thu cho tric agus tha e a’ toirt ort faireachdainn beò dìreach a leigeil seachad, ach ’s e sin a rinn mi. Agus nuair a choimheadas mi air an suidheachadh farsaing mun cuairt air an t-saoghal agus fiù ’s anns an dùthaich againn fhèin, tha tòrr de dhaoine ann an suidheachain fada nas miosa na tha mise, agus an comas ri mòran, tha mi gu math fortanach.

[Calum] Agus mar sin, chan e dùbhlan cho mòr a bh’ ann a bhith a leigeil seachad snàmh ach tha mi toilichte a bhith air ais.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!