FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What was New Zealand like when Callum was there? Cò ris a bha Sealainn Nuadh coltach nuair a bha Callum ann?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Cò ris a bha Sealainn Nuadh coltach nuair a bha Callum ann?

[Callum] Haidh a h-uile duine! Is mise Callum agus ’s ann às an t-Eilean Sgitheanach a tha mi. Tha mi fichead ’s a h-aon bliadhna a dh’aois agus tha mise an-dràsta a’ dèanamh beagan siubhail mun cuairt Sealainn Nuadh. Mura h-eil fhios agad, tha sinne a-nis sìos gu ìre a dhà dhen an lockdown agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil a h-uile càil air fhosgladh suas a-rithist. So an-diugh bha mi airson sealltainn dhut dè mar a tha Queenstown an-dràst’ agus tha mi an dòchas gun còrd an bhidio seo riut.

[Callum] Seo na dh’fheumas mi cur orm air sgàth ’s gu bheil e cho fuar a-nis ann an Queenstown.

[Callum] ‘S e na bùithtean agus àitichean-ithe a’ chiad rud tha mi airson sealltainn dhan a h-uile duine oir ’s e sin a’ chiad rud a rinn mise nuair a chaidh sinn sìos gu ìre a dhà.

[Callum] Seo aon de na sràidean far a bheil na bùithtean ann an Queenstown.

[Callum] Sin an Patagonia ann a shin, tha iadsan a’ dèanamh ice cream as fheàrr ann an Queenstown.

[Callum] Tha Starbucks againn suas ann a sheo.

[Callum] Seo 1876, ’s e pub beag a th’ ann agus tha iadsan a’ dèanamh biadh math agus tha na deochan aca saor cuideachd.

[Callum] Cookie Time ann a shin, tha iadsan a dèanamh cookies really math ann an Queenstown agus tha na milkshakes agus a h-uile càil aca cho math cuideachd.

[Callum] Tha Fergburger rud beag ainmeil an seo agus tha e an-còmhnaidh trang.

[Callum] Sin Devil Burger ann a shin agus ri a taobh tha Balls and Bangles agus tha iadsan a dèanamh bagels dìreach a tha mìorbhaileach.

[Callum] Seo aon ghàrradh a th’ againn an seo. Tha e làn rudan spòrsail ri dhèanamh so ’s urrainn dhut a' dol chun an skateboard park no an ice rink. Cuideachd, tha àite ann airson tennis a chluich agus ’s urrainn dhut frisbee goilf a chluich cuideachd.

[Callum] Seo an tràigh far a bheil a h-uile duine a tighinn air latha teth. Bidh a’ mhòr-chuid de dhaoine ag ithe agus ag òl sìos an seo agus tron an samhradh tha an loch làn le bàtaichean a tha air a bhith a' cur air dòigh airson nan luchd-turais.

[Callum] Tha mi an dòchas gun do chòrd an bhidio seo dhut agus tha mi an dòchas gu bheil sibh uile a’ cumail sàbhailte. Tìoraidh

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!